Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Dèan Rudeigin

A photo of a wind turbine in a grassy field under blue skies

Còmhla, is urrainn dhuinn aghaidh a chur ri blàthachadh na cruinne.  Le bhith a’ dèanamh rudeigin an-dràsta, is urrainn dhut sgaoilidhean ghasaichean millteach a ghearradh agus cuideachadh gus atharrachadh aimsir a lùghdachadh.

Is e tomhas den bhuaidh a tha aig na gnìomhan agad air an Talamh, air a thomhas ann an aonadan de charbon dà-ogsaid a thathar a’ dèanamh, a tha san làrach-coise carboin.  Le bhith a’ dèanamh rudeigin thu fhèin, is urrainn dhut an làrach-coise carboin agad a lùghdachadh is cuideachadh gus an tuaiream gas millteach a tha air a sgaoileadh don àile a lùghdachadh.  Is urrainn dhut eadar-dhealachadh a dhèanamh.

Le bhith a’ dèanamh atharrachaidhean sìmplidh don dòigh sa bheil thu a’ cur seachad do bheatha agus na rudan a tha thu a’ ceannach, bidh buaidh mhath agad, ach ma leigeas tu le daoine do ghuth a chluinntinn, is urrainn dhut cuideachadh gus atharrachaidhean nas motha a dhèanamh.

Is urrainn dhut atharrachadh a thoirt air an dòigh sa bheil an sgoil agad a’ coinneachadh ri blàthachadh na cruinne, is urrainn dhut rudan a dhèanamh gu h-ionadail gus buaidh a thoirt air gnothachasan, comhairlean agus ùghdarrasan ionadail, agus rudan a dhèanamh gu cruinneil gus toirt air luchd-poileataigs na geallaidhean aca a chumail.

'Is e trioblaid cruinneil a tha seo a tha a’ feumachdainn fuasgladh cruinneil, ach is urrainn dhuinn uile cuideachadh gus eadar-dhealachadh a dhèanamh.  Ma lùghdaicheas sinn an tuaiream lùtha a tha sinn a’ cleachdadh agus ma bhios sinn nas faiceallaiche ga chleachdadh, lùghdaichidh sinn a’ bhuaidh a bhios againn fhèin, mar dhaoine fa leth, air an àrainneachd.’
An t-Ollamh Sir Daibhidh King, An t-Àrd-chomhairliche Saidheansail do Riaghaltas na RA

 

 

A photo of lits of shoppers in Buchanan Street in Glasgow

Tha Alba, coltach ri iomadh dùthaich leasaichte eile, a’ cleachdadh co-roinn mì-chothromach is neo-sheasmhach de stòrasan an t-saoghail, leithid lùth agus biadh.  Tha sinn mu thràth ag atharrachadh na h-aimsir againn, le tìde nas anabarraiche, a’ gabhail a-steach stoirmean is tuiltean.  Nam biodh a h-uile duine air an Talamh a’ cleachdadh stòrasan aig an aon ìre ’s a tha sinn ann an Alba, bhiodh feum againn air fada a bharrachd na b’ urrainn don phlanaid a thoirt seachad.

Gach turas a thèid sinn don chàr, no a chuireas sinn air an solas, no a cheannaicheas sinn biadh, no a thèid sinn air saor-làithean, tha sinn a’ fàgail an làraich againn às ar dèidh.  Is e an dùbhlan a tha mu ar coinneamh, ciamar is urrainn dhuinn ìre-beatha àrd a mhealtainn gun a bhith a’ milleadh an t-saoghail airson nan ginealach a tha ri teachd?

Co-dhiù a tha sinn aig an taigh, aig an obair, no san sgoil, is urrainn dhuinn uile a’ bhuaidh againn air a’ phlanaid a lùghdachadh le bhith a’ gabhail cheumannan beaga gus nas lugha de stòrasan a chleachdadh.

 

Urram Deilbh: Prògram Atharrachadh Aimsir na h-Alba (SCCP)

Tha ìomhaighean rim faotainn an asgaidh airson adhbharan foghlaim ann an Alba.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.