Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Tha atharrachadh aimsire dha-rìribh a’ tachairt

A photo of fields and buildings in flooded farmland

Tha aimsir a’ Chruinne-cè ag atharrachadh. Tha an saoghal a’ fàs nas teotha. Bho thòisichear a’ cumail chlàran tha na 10 bliadhna as teotha uile air tachairt bho 1990. Tha teothachd meadhanach na cruinne air a dhol suas nas luaithe sna 50 bliadhna mu dheireadh na thachair aig àm sam bith bho thòisichear air clàran a chumail. Tha a' bheatha-chruinne, far a bheil gach nì a tha beò anns a’ Chruinne-cè, ann an cunnart.

Gach là tha na milleanan de thunnachan de ghasaichean millteach mar carbon dà-ogsaid air a leigeil dhan àile mar thoradh air a bhith a’ losgadh chonnaidhean fosail airson cumhachd, teas agus còmhdhail.  Tha luchd-saidheans na sìde a’ toirt rabhadh seachad gu bheil blàthachadh na cruinne a’ dol am meud agus gu bheil cho eisimeil ’s a tha sinn air connaidhean fosail gu ìre ri choireachadh airson seo.

Tha Alba mu thràth a’ faireachdainn buaidh atharrachadh na sìde. Tha na geamhraidhean a’ fàs nas fluiche leis mar a tha barrachd uisge a’ tuiteam, agus leis mar a tha nas lugha de shneachda agus de reothadh ann. Tha an seusan fàis a’ leudachadh leis mar a tha an t-earrach agus na samhraidhean a’ fàs nas blàithe. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte tha tuiltean air bàsan adhbharachadh agus air milleadh luach còrr is £1 billean a dhèanamh.

Cha b’ e do ghinealach-sa a dh’adhbharaich an trioblaid seo ach tha e an urra rinn uile gnìomhan a chuir an àite a chuireas ceart e.

 

Global temperature graph showing increase over last 1000 years
'Chan urrainnear a’ dol as àicheadh gu bheil siostam na sìde ag atharrachadh, agus tha seo follaiseach nuair a chithear mar a tha teòthachd meadhan na cruinne agus na cuantan ag èirigh, mar a tha an sneachd agus deigh a leaghadh air feadh an àite agus mar a tha ìre na mara ag èirigh air feadh na cruinne.
Pannal Eadar-nàiseanta air Atharrachadh na Sìde (IPCC)

Chan urrainn dhuinn ro-innis a dhèanamh air mar a nì daoine fa leth, gnìomhachasan agus riaghaltasan gnothach ri bhith a’ lùghdachadh na tha de ghasaichean millteach air an leigeil dhan iarmailt agus dè a bhuaidh a bhios aig an seo, ach tha uallach oirnn uile dèiligeadh ri atharrachadh na sìde. ’S urrainn dhuinn uile eadar-dhealachadh a dhèanamh.

 

Urram deilbh: Buidheann Dion Àrainneachd na h-Alba (SEPA)

Faodar na dealbhan a chleachdadh airson foghlam ann an Alba.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.