Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Mar a tha blàthachadh na cruinne ag obrachadh

A photo of smoke pouring from rows of power station chimenys

Tha an co-mheasgachadh de ghasaichean a th’ ann an àile na Cruinne-cè air a bhith air an atharrachadh air sgàth ghnìomhan mhic an duine. Tha billeanan de ghasaichean millteach air an leigeil do dh'àilena Cruinne-cè le bhith a’ losgadh chonnaidhean fosail, leithid gual, ola agus gas.

’S iad na gasaichean millteach eileamaidean na h-àile, an dà chuid a tha nàdarra agus cuideachd an fheadhainn a th’ air an dèanamh le mac an duine, a tha a’ sùghadh agus a’ leigeil a-mach rèididheachd. ’S e an dleastanas nàdarra a th’ aig na gasaichean sin ach teas na grèine bho àile na Cruinne-cè a ghlacadh (às dèidh dhan teas seo a bhith air a thilgeadh air ais bho uachdar na Cruinne-cè), a’ blàthachadh uachdar na Cruinne-cè còrr is 30˚C gu ìre far an urrainn do mhac an duine agus beathaichean eile a bhith beò. Thathas a’ toirt ‘buaidh taigh-glainne nàdarra’ air an seo. Tha blàthachadh nàdarra na cruinne tro bhuaidh an taigh-ghlainne a’ ciallachadh gu bheil a’ phlanaid aig teòthachd mheadhanach de 15 ˚C, an àite an -18 ˚C aig am biodh i as aonais iarmailt na Cruinne-cè.

Tha gnìomhan mhic an duine, leithid a bhith a’ losgadh chonnaidhean fosail, a’ cur suas na tha de ghasaichean millteach anns an àile gu os cionn nan ìrean nàdarrach. Tha na gasaichean millteach a bharrachd seo ag obrachadh mar phlaide timcheall na planaid; tha iad a’ leigeil le cumhachd na grèine uachdar na Cruinne-cè a ruighinn ach tha iad a’ glacadh barrachd den teas a tha air a thilgeadh air ais. Thathas a’ toirt ‘àrd bhuaidh an taigh-ghlainne’ air an seo.

'Tha a’ mhòr-chuid de dh’eòlaichean saidheans ag aontachadh gu bheil mar a thathas a’ cur ri buaidh nàdarra an taigh-ghlainne tro gnìomhan mhic an duine a tha a’ cur am meud nan diofar ghasaichean, buailteach air atharrachaidhean mòra adhbharachadh san aimsir. Mura dèan sinn rudeigin mu dheidhinn an-dràsta chan urrainn cinnt a bhith againn nach bi cunnart ann do na ginealaichean a tha ri thighinn.’

Aithris bho 49 Luchd-duais Nobel agus 700 buill de dh’Acadamaidh Nàiseanta nan Saidheansan, 1990

Tha a’ chuid as motha de luchd-saidheans aimsire ag aontachadh gu bheil àrd bhuaidh an taigh-ghlainne a’ ciallachadh gu bheil teòthachd mheadhanach an t-saoghail a’ dol am meud agus le sin gu bheil an aimsir ag atharrachadh. Bho 1961 chaidh an teòthachd mheadhanach ann an Alba suas anns gach ràith. Thathas den bheachd gun tèid teòthachd mheadhanach bhliadhnail na h-Alba suas mu 3.5˚C as t-samhradh agus mu 2.5˚C sa gheamhradh anns an 21mh linn.

Tha teòthachd mheadhanach an t-saoghail air meudachadh mu 0.2 gu 0.3°C thairis air an 40 bliadhna a chaidh seachad agus timcheall air 0.7°C bho 1860. Bha na h-ìrean den ghas millteach carbon dioxide (CO2) seasmhach aig 280 pàirtean gach millean (pgm) gu àm an tionndaidh ghnìomhachais. Tha an ìre sin air fàs gu 380pgm, agus tha e a’ cumail air ag èirigh gach bliadhna.

Gasaichean millteach

Tha riaghaltasan air feadh an t-saoghail a’ feuchainn ri dòighean a lorg gus an ìre de ghasaichean a tha a’ sgaoileadh dhan àile a lùghdachadh.

Tha Protocal Kyoto a’ toirt iomradh air basgaid de shia gasaichean millteach: carbon dà-ogsaid (CO2), meatan (CH4), nitrous ogsaid (N20), agus na gasaichean-F: HFC, PFC agus SF6.

Tha Carbon Dà-ogsaid (CO2) na phàirt nàdarra den àile agus ’s e am prìomh ghas a th’ air a leigeil ma sgaoil tro ghnìomhan mhic an duine. Tha e air a chruthachadh nuair a thathas a’ losgadh chonnaidhean fosail agus cuideachd tro analachadh agus nuair a tha gnothaichean a’ grodadh. Tha coilltean, planntraisean agus cuantan a’ gabhail a-steach an t-uabhas de CO2 leis an sin tha na h-ìrean de CO2 air a lùghdachadh, ach an comas ris an ìre iomlan de CO2 anns an àile ’s e ìre glè bheag dheth a th’ air a shlugadh leotha sin. Faodaidh moileciuil de CO2 a bhith san àile cho fada ri 100 bliadhna.

Faodaidh meatan (CH4) a thighinn bho chrodh agus caoraich agus achaidhean rus a thuilleadh air bho òtraichean no nuair a tha stuthan organach a’ briseadh sìos. Ged a tha meatan a’ fuireach san èadhar airson timcheall air 10 bliadhna, anns an ùine sin tha e a’ gabhail a-steach mu 20 uair a bharrachd cumhachd teas na bhiodh moileciuil CO2 a’ dèanamh ann an 100 bliadhna. Tha an aon bhuaidh aig 1cg de mheatan air blàthachadh na cruinne ’s a bhiodh aig 25cg de CO2. Tha an t-uabhas de CH4 air a ghlacadh ann an tundra reòdhte agus dh’fhaodadh seo a bhith air a leigeil ma sgaoil nan tigeadh aiteamh.

Chan eil ach ìre gu math beag de Nitrous Ogsaid ri lorg anns an àile, ach tha buaidh chumhachdach aig an seo air sgàth ’s gu bheil e comasach air cumhachd fo-dhearg a shlugadh. Tha an aon bhuaidh aig 1cg de N2O air blàthachadh na cruinne ’s a bhiodh aig 298cg de CO2.

’S e mac an duine a chruthaich na gasaichean-F agus ’s ann anns na 1990an a thòisichear gan cleachdadh gu ìre mhòr. Faodaidh iad seasamh mìltean bhliadhnaichean anns an àile agus mar sin tha iad buailteach air àrd ìre de bhlàthachadh na cruinne adhbharachadh.

 

Urram deilbh: _gee_ 

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.