Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

A’ Bheatha-chruinne

A photograph of Planet Earth from space

Tha beatha uile air an Talamh a’ tighinn beò san àite bheag air aghaidh na planaid againn ris an can sin a’ Bheatha-chruinne.  Is e an Talamh an aon àite ann an siostam na grèine againn a tha comasach air beatha, mar as aithne dhuinne e, a chumail suas.

Tha a’ bheatha-chruinne a’ leudachadh bho na trainnsichean as doimhne sna cuantan, mu 8 cilemeatair fo aghaidh na Talmhainn gu mu 12 cilemeatair os a cionn.  Chan eil beatha air an Talamh air a sgaoileadh gu cothromach idir; chan eil ach beatha chuingealaichte aig na Pòlaichean, ach tha measgachadh mòr sna na coilltean-uisge tropaigeach. Tha luchd-saidheans a’ tuairmse gu bheil eadar 2 is 100 millean gnè sa bheatha-chruinne, agus is e 10 millean an tuairmse as fheàrr.  Gu ruige seo, tha saidheans air 1.4 millean a chlàradh.  Tha còrr is leth nan gnèithean clàraichte air an clàradh mar bhiastagan, 30% mar meanbh-bheathaichean, fhad ’s a tha an 20% a tha air fhàgail a’ gabhail a-steach dhruim-altaich (a’ gabhail a-steach a’ chinne-daonna), neo-dhruim-altaich, planntraisean le dìthein is gun dhìthein, fungusan, algaich uile is msaa. Cha deach ach bloigh de na gnèithean a tha beò an-dràsta air a’ phlanaid seo a lorg, aithneachadh is a dhealbhachadh, ach tha na gnèithean uile a’ dèanamh suas siostam iom-fhillte a tha ag obrachadh còmhla is an crochadh air a chèile.  Bidh buaidh mhòr aig fiù ’s am briseadh as lugha de phàirt sam bith den t-siostam sin air a’ Bheatha-chruinne, air a bheil beatha uile air an Talamh an crochadh.

'Leis an t-suidheachadh a b'fheàrr a dh’fhaodadh tachairt – nach eil buailteach tachairt idir nam bheachd-sa – leis an ìre as lugha de dh’atharrachadh aimsire ris a bheil dùil ... aig a’ cheann thall bhiodh mu naoi sa cheud [de ghnèithean uile] ann an cunnart a dhol à bith ... is e an tuairmse meadhanach gun deigheadh 24 sa cheud de phlanntraisean is bheathaichean à bith ro 2050 ... Chan eil sinn a’ bruidhinn mu ghnè an siud ’s an seo a’ dol à bith – tha sinn a’ bruidhinn mu 1.25 millean gnè.  'S e àireamh uabhasach mòr a tha ann.'
An t-Àrd-ollamh Chris D Thomas, eag-eòlaiche

Cho-dhùin aithisg mheasaidh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid leis a’ Phannal Eadar-riaghaltais air Atharrachadh Aimsire gun robh eadar 20-30% de na gnèithean a chaidh a mheasadh buailteach a bhith ann an cunnart nas motha bho bhith a’ dol à bith ma thèid àrdachaidhean ann an ìrean teòthachd chuibheasach na cruinne seachad air 1.5 – 2.5°.

Tha uallach air mac an duine cùram a ghabhail den Chruinne-cè, gnèithean eile a shàbhaladh bho dhol à bith, siostaman-àrainneachd a th’ ann an cunnart a ghleidheadh, agus gus lùghdachadh, agus car a chur, anns a’ chron a tha gnìomhan mhic an duine air adhbharachadh.

Tha mu 6 billean neach a’ fuireach anns a’ Chruinne-cè. Thathas a’ tomhas gum bi mu 9 billean neach a’ fuireach air a’ phlanaid ro 2050, agus chithear am meudachadh as motha sna dùthchannan a tha gan leasachadh. Nam biodh a h-uile duine san t-saoghal a’ cleachdadh an aon uiread de ghoireasan ’s a tha sluagh na h-Alba, dh’fheumadh sinn trì chruinneachan-cè airson nan goireasan seo fhaighinn agus airson dèiligeadh ri ar sgudal. Tha e an urra rinne obrachadh a dh’ionnsaigh dòigh-beatha san àm ri teachd a tha nas cothromaiche agus nas seasmhaiche.

Ro 2020 bidh barrachd is 80% de shluagh na Cruinne-cè a’ fuireach ann an dùthchannan a tha gan leasachadh agus bidh iad uile feumach air biadh, connadh agus obair; gach nì a bheir buaidh air atharrachadh na sìde san àm ri teachd.

Tha a bhith a’ caitheamh ghoireasan gann leis fhèin a’ cur ri blàthachadh na cruinne. Aig àm air choireigin ruithidh ola, gas, gual agus fiù ’s urànium a-mach. ’S dòcha gu bheilear mu thràth air an ìre ghiollachd as àirde fhaighinn bhon a’ chiad dhà gun an còrr làraich ùr a bhith rin lorg. Feumaidh sinn gearradh sìos air an ìre de chaitheamh a tha sinn a’ dèanamh air goireasan a’ Chruinne-cè gu ìre a tha seasmhach, stad a chur air cho mòr ’s a tha sinn an eisimeil chonnaidhean fosail, agus gearradh sìos air na gasaichean a tha sgapadh dhan àile ri linn.

 

Urram deilbh: An ìomhaigh le cead bho NASA Johnson Space Center Gateway to Astronaut Photography of Earth

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-NonCommercial 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.