Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Àile na Talmhainn

A photo of the sun shining through a few clouds in a blue sky
'Tha sinn a’ cur an àile air a bheil beatha uile an crochadh troimh-chèile. Aig deireadh nan 80an nuair a thòisich mi air aire dha-rìreabh a thoirt do bhlàthachadh na cruinne, bha sinn ag ràdh gur e ‘mòr-thubaist slaodach’ a bha ann, is bha sinn an dùil nach biodh na buaidhean dha-rìreabh rim faicinn airson ginealaich fhathast. An àite seo, tha na comharran gu bheil atharrachadh air fàs nas luaithe aig ìre uabhasach.
David Takayoshi Suzuki, Neach-saidheans agus craoladair

Is e an àile am pasgan tana gas a tha a’ dìon na Talmhainn bho ghathachd os-bhìolait bhon ghrèin, agus a’ riaghladh teòthachd na cruinne. Gun dìon bhon àile, dheigheadh beatha uile air an Talamh à bith. Tha a bhith a’ tuigsinn an àile, a cheimigeachd agus fhiosaigs, bunaiteach a thaobh a bhith a’ tuigsinn atharrachadh aimsire.

Tha àile na Talmhainn fada nas taine na tha a’ chuid as motha againn an dùil. Tha am pàirt as tighe den àile, an troposphere, dìreach 17 cilemeatair de thighead aig a’ chrios-mheadhain agus 7 cilemeatair de thighead aig na crainn. Tha 75% de ghasaichean àileach rin lorg san troposphere. Tha an loidhne Kármán, 100 cilemeatair gu h-àrd san stratosphere, mar as trice air a chleachdadh mar an loidhne far a bheil an àile a’ tighinn gu crìch.

Tha trast-thomhas 12, 700 cilemeatair san Talamh, agus ’s e còmhdach gu math tana a tha san àile an coimeas ris an seo. Thuirt an t-eòlaiche-cruthachaidh Carl Sagan gum biodh an t-àile co-ionann ri aon chòta bhàrnais air modail àbhaisteach den chruinne ann an seòmar-sgoile.

'... tha sinn a’ cur aghaidh ri trioblaid uabhasach, ann am blàthachadh na cruinne ... seach gu bheil an t-àile cho beag is sinne a’ cur na h-uimhir de sgudal ann ... Loisg tunna guail agus gheibh thu 3.7 tunna carbon dà-ocsaid ... Cia mheud neach a tha air a’ phlanaid? 6.6 billean. Tha a’ phlanaid againn a-nis laiste suas mar chraoibh Nollaige air an oidhche leis na tha de bhailtean timcheall an t-saoghail, a’ mhòr-chuid aca an crochadh air connadh fosail, a’ cur na tha sin de thruailleadh suas dhan àile.'
Tim Flannery, ùghdar ‘We Are the Weathermakers’ a’ bruidhinn ri sgoilearan àrd-sgoile ann am Melbourne, Astràilia

Tha na h-ìrean de ghasaichean millteach ann an àile na Talmhainn air atharrachadh bho àm a’ mhòr-ghnìomhachais, c.1750, a’ fàs nas motha air sgàth gnìomhan a’ chinne-daonna.

 

An co-chruinneachadh cuibheasach de charbon dà-ogsaid (CO2) sa chruinne ann am pàirtean gach millean (pgm)

Ro-17502005
Carbon dà-ogsaid280379

 

An co-chruinneachadh cuibheasach de dh' ogsaid niotrach (N2O) agus Meatan (CH4) sa chruinne ann am pàirtean gach billean (pgb)

Ro-17502005
Ogsaid Niotrach275-280319
Meatan7501774

Tobar: Aithisg IPCC WG1 AR4

Bho 1957 tha Lann-amhairc Mauna Loa, goireas airson rannsachadh àile air Bholcàno Mauna Loa, Hawaii, air sùil a chumail gu leantainneach air ìrean charbon dà-ogsaid san àile. Tha Mauna Loa sònraichte seach gu bheil e àrd agus fada gu leòr air falbh bho thobraichean CO2 faisg air làimh. Tha an èadhar a tha e a’ samplachadh a’ toirt riochdachadh èifeachdach den cho-chruinneachaidh chuibheasach de CO2 airson na leth-chruinne a tuath gu lèir. Thar nan deicheadan tha an lann-amhairc air co-chruinneachaidhean de CO2 a thomhas ag àrdachadh san àile.

 

Rising atmospheric Carbon Dioxide concentrations (1860-2000)

Tha an dàta air a riochdachadh ann an graf ris an canar uaireannan am Manau Loa Curve no an Keeling Curve. B’ e an Dr Charles David Keeling bho Institiùt Eòlas-mara Scripps a’ chiad duine a bha a’ gabhail leughaidhean riaghailteach de dh’ìrean carbon dà-ocsaid san àile aig Manau Loa, a’ toirt aire an t-saoghail don dreuchd a bha aig mac an duine ann am blàthachadh na cruinne. Nuair a chaochail an Dr Keeling ann an 2005, chaidh a ràdh gun robh 'an obair ionmholta a bha e air a dhèanamh air carbon dà-ocsaid san àile air an dòigh sa bheil sinn a’ coimhead air a’ phlanaid agus an dreuchd againn innte, atharrachadh gu bunaiteach.'

'Tha [ìrean de] ghasaichean millteach ann an àile na Talmhainn an-dràsta nas àirde na tha iad air a bhith ann an 150,000 bliadhna.'
Greenpeace International

 

Urram deilbh: net_efekt.

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

 

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.