
Tha atharrachadh aimsire fìor is feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh sa bhad.
Tha an saoghal againn a’ blàthachadh nas luaithe na aig àm sam bith eile sna 10,000 bliadhna mu dheireadh, agus is e gnìomhan dhaoine is coireach. Ann an Alba b’e 2006 a’ bhliadhna a bu bhlàithe a chaidh riamh a chlàradh. Gach latha tha na milleanan de thunnachan ghasaichean millteach air an sgaoileadh do dh’àile na Talmhainn, a’ cur blàthachadh na cruinne air adhart.
Tha buaidh aig na gnìomhan agadsa. Is urrainn dhut eadar-dhealachadh a dhèanamh.
Tha na thachras sna bliadhnaichean a tha romhainn fìor chudromach. Ma chumas sinn oirnn a’ truailleadh is a’ leigeil oirnn nach eil càil ceàrr, tha atharrachadh aimsire cunnartach do-sheachanta. Ma nì sinn rudeigin gus aghaidh a chur ri blàthachadh na cruinne, an làrach-coise carboin againn a lùghdachadh, agus innse do dhaoine mu atharrachadh aimsire is na rudan is urrainn dhaibh a dhèanamh gus a shabaid, is urrainn dhuinn a’ bhuaidh againn air Planaid na Talmhainn a lùghdachadh.
Urram deilbh: Tracey Dixon.
Dlighe-sgrìobhaidh Tracy Dixon. Tha còraichean ath-chleachdaidh air an ceadachadh airson foghlam ann an Alba.