Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Eòin-mhara na h-Alba

Puffin

Àrainneachd na mara ag atharrachadh

'Tha a’ mhuir timcheall na h-Alba air blàthachadh 1°C san 20 bliadhna mu dheireadh. Tha cuantan nas blàithe air atharrachaidhean adhbharachadh ann an susbaint, lìonmhorachd agus sgaoileadh grunn ghnèithean mara, nam measg planctan, èisg, eòin-mhara, mucan-mara, mamalan, leumadairean-mara agus pèileagan.

Thathar air a bhith a’ glacadh èisg uisge blàth leithid drioman dearg, sàrdain agus ainsiobhaidhean far cladach na h-Alba bho 1995. Tha cuid de ghnèithean, a tha bunaiteach do lìon-bìdhe na mara, air imrich gu tuath, suas ri 10° leudachd (mu 700 mìle). Tha buaidhean mòra aig atharrachaidhean ann an sgaoileadh is lìonmhorachd planctan, chan ann a-mhàin airson èig-shiostam na mara ach airson comas nan cuantan carbon dà-ogsaid a shlugadh, agus aig a’ cheann thall, aimsir na Cruinne a chumail rèidh.'
Aithisg le SEPA air stàit na h-Àrainneachd 2006

Tha eòin-mhara mar bhuthaidean, eòin dhubh an sgadain agus faireagan a’ neadachadh ann an àireamhan mòra mu chladach na h-Alba.   Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha sreath de dhroch sheusanan briodaidh air a bhith ann, gu h-àraidh ann an 2004 agus 2005.

Sna bliadhnaichean seo cha tàinig ach glè bheag de eòin òga às na tìreachasan seo. Cha do rug cuid de na gnèithean uighean idir agus bhàsaich cuid de na h-eòin òga eile mus b’ urrainn dhaibh an tìreachas fhàgail.  B’ e cion bidhe an t-adhbhar a bu chudromaiche, an dà chuid do na h-inbhich is don òigridh, gu h-àraid cion shìolagan cumanta, a tha nam prìomh bhiadh do thòrr de na gnèithean seo.

Thathar air sgrùdadh a dhèanamh an dà chuid air àireamhan eòin-mhara is shìolagan airson mu 40 bliadhna sa Chuan a Tuath, oir bha dragh ann gun dèanadh iasgach gnìomhachail shìolagan, airson todhar àiteachais is mar chonnadh airson stèiseanan cumhachd,  cron air àireamhan eòin-mhara is iasgach malairteach.  Ged a bha an t-iasgach air buaidh a thoirt air àireamhan nan eun-mhara roimhe, cha b’ urrainn duilgheadasan 2004 agus 2005 a bhith air an adhbharachadh leis an iasgach seach gun robhar a’ cumail smachd theann air an iasgach aig an àm sin.

Thàinig sgeulachd iom-fhillte am follais.   Tha an Cuan a Tuath eu-domhain a’ teasachadh gu luath, eadar 1° agus 2°C ann an 30 bliadhna. Tha blàthachadh nas slaodaiche a’ tachairt ann an uisge nas doimhne a’ Chuain Shiair air taobh an iar na h-Alba.  Tha am blàthachadh seo ag atharrachadh àm agus sgaoileadh nam planntraisean beaga bìodach (am phytoplankton) agus nam beathaichean beaga a bhios gan ithe (an zooplankton), a tha bunaiteach do lìon-bidhe a’ Chuain a Tuath.  Tha seo a’ ciallachadh gu bheil meud is sgaoileadh nan sìolagan ag atharrachadh cuideachd.   Mura h-eil sìolagan gu leòr sna h-uisgeachan faisg air tìreachasan nan eun-mhara, bidh seusan briodaidh truagh aca, no anabarrach dona, mar a bha 2004 agus 2005.

Tha 2007 air a bhith na sheusan fìor thruagh do na h-eòin-mhara air taobh an iar na h-Alba, gu h-àraidh Hiort, airson nan aon adhbharan.  Dh’fhaodadh atharrachaidhean air sàilleabh blàthachaidh sna cuantan timcheall na h-Alba a bhith millteach dha-rìreabh do chuid de na h-eòin mhara as ainmeile againn.

 

Urram deilbh: mrpattersonsir (hi Ben!)

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.