Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Buaidhean atharrachadh aimsire

A photo of helicopters flying towards cars trapped in a landslide at the Glen Ogle

Thathar mu thràth a’ faicinn buaidhean atharrachadh aimsire air feadh an t-saoghail.

Ann an Alba agus air feadh na RA, tha tachartasan aimsire anabarrach air maoim-slèibhe is tuiltean adhbhrachadh. Tha atharrachadh aimsire a’ toirt buaidh air eòin-mhara na h-Alba agus an àrainneachd mhara mu thimcheall nan cladaichean againn.

Tha teas anabarrach, tart agus tuiltean air na mìltean mòra dhaoine a mharbhadh agus air na milleanan a chur ann an cunnart. Tha stoirmean tropaigeach a’ fàs nas truime. Tha doineannan, stoirmghaoithtean agus stoirmean tropaigeach air fiach billeanan notaichean de mhilleadh adhbharachadh.

Tha luchd-saidheans aimsire a’ sgrùdadh na deighe sa Ghraonlainn agus san Antartaig seach gu bheil leaghadh cudromach air tachairt san dà àite san 50 bliadhna mu dheireadh. Air feadh an t-saoghail, tha eigh-shruthan a’ dol air ais is a’ dol às an t-sealladh a rèir pàtrain blàthachaidh ann an teòthachd ionadail is cruinneil.

Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha nas lugha is nas lugha de dheigh mhara air a bhith san Artaig gach samhradh. Tha luchd-saidheans den bheachd nach bi deigh mhara idir san Artaig ann am mìosan an t-samhraidh ro 2040.

Graph showing the extent of Arctic sea ice

 

Urram deilbh: Perth Picture Agency (PPA)

Na còraichean glèidhte

Explore our range of websites

Updated on: 24 June 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.