
Tha cha mhòr deigh an t-saoghail air fad ri lorg sa Ghraonlainn agus san Antartaig, a’ còmhdach mu 10% de aghaidh na talmhann is a’ stòradh 70% de dh’fhìor-uisge an t-saoghail.
Tha na tha an dàn dhan dà raon mhòir deighe seo fìor chudromach ann an rannsachadh mu atharrachadh aimsire.
Chan eil clàran earbsach airson doimhne is leud na deighe sa Ghraonlainn is san Antartaig air a bhith ann ach airson na 40 bliadhna mu dheireadh. Thathar a’ dèanamh tòrr rannsachaidh a-nis gus feuchainn ri tuigse fhaighinn mu na bha de dheigh ann roimhe, a’ dol air ais ùine fhada. Tha e fìor chudromach a bhith a’ tomhas na deighe a-nis is a’ tuigsinn mar a tha i air atharrachadh sna h-àiteachan seo oir dh’fhaodadh buaidh mhòr a bhith aig an seo air ìrean mara agus sruthan nan cuantan ma leaghas iad.
Tha an dà chuid a' Ghraonlainn agus an Antartaig air leaghadh cudromach a shealltainn san 50 bliadhna mu dheireadh, dìreach a rèir an àrdachaidh ann an teòthachd na cruinne. Air sgàth na dòigh sa bheil an àile is na cuantan a’ gluasad teas mu thimcheall an t-saoghail, èirigh teòthachdan nas luaithe aig na Pòlaichean na aig a’ chrios-mheadhain.

Ann an 2002 bhris Sgeilpe Deighe Larson B, far Rubha an Antartaig, gu grad. Bhris 3,250 km² de dheigh dheth; raon dà uair nas motha na an t-Eilean Sgìtheanach, cha mhòr. Ged a b’ e deigh mhara a bha san Sgeilpe Deighe, is mar sin cha robh i a’ cur mòran ri àrdachadh ìrean mara, bha i a’ cumail air ais deigh na talmhann. Tha an ìre chun a bheil deigh thalmhann a-nis a’ tuiteam don mhuir air meudachadh.
'Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil 500 billean tunna deighe air a dhol à bith taobh a-staigh aon mhìos'Dr David Vaughan, Eòlaiche Eigh-shruth, Sgrùdadh Antartaig Bhreatainn
Anns a' Ghraonlainn, tha ìrean leaghaidh air fàs tòrr nas luaithe bho chionn ghoirid air oirean na siota deighe. Cuide ris a seo, tha an duilleig deighe air fàs nas tiuighe aig meadhan an eilein, air sgàth barrachd uisge a’ tuiteam.
Is e prìomh amas saidheans atharrachadh aimsire, tuigse fhaighinn air na tha tachairt sna sgìrean seo. Ged a tha fianais ann gu bheil iad a’ leaghadh gu luath is gu bheil am pròiseas a’ fàs nas luaithe, tha tòrr teagaimh ann fhathast mun astar. Tha na freagairtean do na ceistean seo riatanach ma tha sinn gus ro-innse dè uimhir ’s a dh’èireas ìrean mara air sgàth atharrachadh aimsire.
Urram deilbh: (gu h-àrd) Pathfinder Linden - (gu h-ìseal) Ìomhaigh bho Landsat 7 Science Team agus NASA GSFC
Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.