Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Doineannan, stoirmghaoithtean is stoirmean tropaigeach

A photo of palm trees and buildings in a storm silhouetted against a dark blue sky

Tha comas aig stoirmean tropaigeach milleadh mòr a dhèanamh, gu h-àraidh air eileanan is ann an sgìrean cladaich mòr-thìreil. Tha na h-ainmeannan aca a’ sealltainn far an do thòisich iad, doineannan sa Chuan Shiar a Tuath is sa Mhuir Charabian, stoirmean tropaigeach sa Chuan Shèimh agus stoirmghaoithtean tropaigeach thairis air Astràilia.

Tha stoirmean tropaigeach gu tric sna naidheachdan, gu h-àraid nuair a rinn Doineann Katrina sgrios air New Orleans ann an 2005. Mharbh an Doineann co-dhiù 1800 neach is rinn e fiach mu $81 billean de mhilleadh, a’ ciallachadh gur e Katrina am mòr-thubaist nàdarra a bu chosgaile a bha ann riamh. 

B’ e aon de bhuaidhean Doineann Katrina gun deach aire an t-saoghail a tharraing chun na buaidh a tha aig atharrachadh aimsire ann an truimead is tricead doineannan is stoirmean tropaigeach eile. Thàinig beachdan làidir, calg dhìreach an aghaidh a chèile, às an deasbad is Riaghaltas nan SA a’ dol as àicheadh gun robh coire sam bith aig atharrachadh aimsire is cuid de bheachdan làidir eile den bheachd gun robh an stoirm is a truimead mar thoradh dìreach air teòthachd nas àirde. Tha an fhìrinn am badeigin eadar an dà bheachd is fada nas iom-fhillte na sin.

Hurricane Katrina satellite photograph

Is e a’ cho-aontachd shaidheansail gu bheil blàthachadh uisgeachan uachdrach nan cuantan buailteach truimead nan stoirmean tropaigeach a mheudachadh, le astaran gaoithe nas àirde is uisge nas truime a’ tuiteam. Tha seo a’ ciallachadh gun dèan doineannan barrachd millidh.

Tha luchd-saidheans bhon Ionad Nàiseanta airson Rannsachadh Àile (NCAR) agus Institiùd an Teicneolais air co-dhùnadh gu bheil teòthachd nas blàithe air uachdar na mara is pàtrain gaoithe atharraichte, co-cheangailte ri atharrachadh aimsire, cunntachail airson àrdachaidhean san àireimh doineann. Gu cuibheasach tha dhà uidhir de na doineannan a’ tòiseachadh sa Chuan Shiar an coimeas ri ceud bliadhna air ais.

'Tha na h-àireamhan seo nan comharradh làidir gu bheil atharrachadh aimsire na adhbhar mòr airson àireamh nan doineann sa Chuan Shiar.'
Greg Holland, Ionad Nàiseanta airson Rannsachadh Àile (NCAR)

Tha àrdachadh follaiseach air a bhith san àireimh stoirmean tropaigeach bho na 1970an. Tha an t-àrdachadh seo nas motha na bha dùil, stèidhichte air na clàran a tha againn bho chuairtean stoirme a bha ann roimhe.

Is e aon bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith air Alba, gu bheil doineannan buailteach fàs nas bitheanta ann an sgìrean taobh a-muigh nan tropaigean, a’ meudachadh buailteachd airson gaoithtean làidir is tachartasan anabarrach aimsire an-seo.

 

Urram deilbh: (gu h-àrd) cyrenaic - (gu h-ìseal) NASA/Jeff Schmaltz, MODIS Land Rapid Response Team

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 24 June 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.