Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Teas anabarrach, tart is tuiltean

Bush fire in Victoria, Australia, 2006

San Roinn Eòrpa, ann an 2003, dh’adhbhraich teas anabarrach co-dhiù 35,000 bàs. Bhàsaich còrr is 14,000 san Fhraing a-mhàin is còrr is 2000 san RA.

'Ged nach eilear a’ toirt mòran aire do theas anabarrach, tha seo ag adhbhrachadh barrachd bàis gach bliadhna na tuiltean,  stoirmean tropaigeach is stoirmean mòra còmhla... Tha teas anabarrach a’ marbhadh gu sàmhach, mar as trice a’ toirt buaidh air seann daoine, daoine fìor òg no daoine fìor thinn.'
Institiut Poileasaidh na Talmhainn (EPI)

Tha Ionad Hadley airson Ro-innse is Rannsachadh Aimsire a’ tuairmse san aithisg aige ‘Uncertainty, Risk And Dangerous Climate Change’ gu bheil atharrachadh aimsire, air adhbhrachadh le mac an duine, air cunnart bho theas anabarrach a dhùblachadh. Tha e den bheachd gum faod samhraidhean san Roinn Eòrpa ro mheadhan na 21mh linn a bhith cunnartach teth.

Ann an Astràilia, b’e 2005 a’ bhliadhna a bu teotha a chaidh a chlàradh riamh, le teòthachd chuibheasach de 22.89°C. Fhad ’s a tha teòthachd chuibheasach na cruinne air àrdachadh 0.6°C thar na 25 bliadhna mu dheireadh, bha teòthachd chuibheasach Astràilia airson 2005 1.09°C nas àirde na cuibheasachd na cruinne airson 1961-90.

Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha teintean-coille air heactairean de choilltean is de thuathanasan a losgadh air feadh Astràilia. Tha teintean-coille fìor dhona air sgìrean mu iomall Sydney a chur ann an cunnart; a’ sgrios thaighean is a’ cur ceò thiugh air feadh a’ bhaile. Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha Astràilia cuideachd air a bhith a’ fulang bhon tart a bu mhiosa a chaidh a chlàradh riamh, a’ sgrios talamh-àitich is a’ ciallachadh gu bheil uisge air a chuingealachadh sna bailtean.

'Tha dùthchannan Afraganach air a bhith a’ fulang thartan nas trice is nas fhaide, agus tha uisge air a bhith a’ tuiteam gu mì-chinnteach.'
Philip Emanman, oifigear leasachadh sòisealta, Prògram Stiùiridh Talamh Tiorram Cheinia

Ann an 2005-06 bhuail tart uabhasach Horn is taobh Sear Afraga agus chaidh bàrr a sgrios. Dh’adhbhraich an tart gainnead bidhe fada is farsaing is gort a chuir milleanan beathannan ann an cunnart. Tha còrr is 70 millean neach ann an Horn Afraga beò ann am bochdainn is gun bhiadh gu leòr. Eadar 2001 is 2007 bhuail ceithir tartan mòra an sgìre.

An image of dry ground

San Òg-mhios 2007 dh’aontaich sia Riaghaltasan Afraganach is na Dùthchannan Aonaichte mapa rathaid gus aghaidh a chur ris na nithean bunaiteach a bha ag adhbhrachadh an acrais thar Horn Afraga.

'Tha an Horn a’ fulang le cuid de na mòr-thubaistean bidhe as miosa san t-saoghal is tha iad a’ fàs nas luaithe is nas cruaidhe air sgàth atharrachadh aimsire, briseadh àrainneachdail, còmhstrithean poileataigeach is armachdail agus grunn nithean eile...feumaidh sinn uile a-nis dealas a shealltainn ri bhith a’ cur stad air a’ chearcall seo de dh’àmhghar is mòr-thubaist.'
Kjell Magne Bondevik, Buidheann Cobhair Sònraichte an UN gu Horn Afraga

Tha Christian Aid air tuairmse a dhèanamh gum faodadh 182 millean neach ann an Afraga fo-Sahara bàsachadh air sgàth galar a bhiodh gu dìreach air adhbhrachadh le atharrachadh aimsire, ro dheireadh na 21mh linn. Dh’fhaodadh na milleanan a bharrachd a bhith gun dachaigh air sgàth atharrachadh aimsire.

Ged a tha tart ann an cuid de dh’àiteachan, tha tuiltean ann an àiteachan eile.

Tha Eileanan a’ Chuain Shèimh gu h-àraidh ann an cunnart bho ìrean mara ag èirigh. Tha sgìrean cladaich, far a bheil a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ fuireach is far an lorgar a’ mhòr-chuid de thalamh-àitich, ann an cunnart fàsmhor bho thuiltean. Chaidh cuid de dh’Eileanan sa Chuan Shèimh fhalmhachadh mu thràth air sgàth atharrachadh aimsire. Fhad’s a tha ìrean mara ag èirigh, tha eileanan ìseal a’ dol à sealladh fo na tuinn.

'Air an eilean far a bheil mi a’ fuireach, is urrainn dhut clach a chaitheamh bho aon thaobh chun an taoibh eile. Tha eagal dha-rìreabh oirnn mu ìrean na mara ag èirigh. Tha an Caibineat againn air a bhith a’ beachdachadh air talamh a cheannach ann an dùthaich faisg air làimh, gun fhios nach bi sinn air ar fàgail gun dachaigh air sgàth atharrachadh aimsire.'
Teleke Lauti, Ministear airson na h-Àrainneachd, Tuvalu

Ann an 2004, chunnaic Bangladeis na tuiltean a bu mhiosa airson sia bliadhna. Bhàsaich ceudan de dhaoine is bha co-dhiù 30 millean gun dachannan. Thàinig galar às dèidh nan tuiltean seach gun do sgaoil an spùt is a’ bhuineach le cion uisge glan ri òl. Chaidh còrr is trì chairteil den bhàrr a mhilleadh.

Tha a’ mhòr-chuid de Bhangladeis suidhichte gu cugallach dìreach os cionn ìre na mara. Tha tuil gu tric a’ tachairt san dùthaich seo ach ma dh’fhàsas truimead is tricead nan tuiltean nas miosa, mar a thathar an dùil, thèid milleanan de dhaoine a chur às an àite – a’ call an dachannan is am beòshlaintean.

Is iad na dùthchannan a tha fhathast a’ leasachadh as motha a dh’fhairicheas buaidhean atharrachadh aimsire agus is iad as lugha a bhios comasach air dèiligeadh ris. San RA is ann an dùthchannan leasaichte eile, tha an t-airgead is na goireasan againn gus ar cuideachadh a’ dèiligeadh ri buaidhean atharrachadh aimsire. Bidh sinn a’ cosg milleanan air ceumannan gus dìon an aghaidh tuiltean gus na bailtean is na cladaichean againn a dhìon. Thathar a-nis san Òlaind a’ togail thaighean a sheòlas fhad ’s a tha daoine ag atharrachadh gus gabhail ris an atharrachadh san aimsir.

Air feadh an t-saoghail, tha daoine mu thràth a’ fulang is a’ bàsachadh air sgàth buaidhean atharrachadh aimsire. Rinn Buidheann Slàinte na Cruinne tuairmse gun robh atharrachadh aimsire cunntachail airson 150,000 bàs ann an 2000. Is e dùthchannan an t-saoghail a tha fhathast a’ leasachadh as motha a tha a’ fulang, ged is iad a bu lugha a dh’adhbhraich an trioblaid. Tha an neach cuibheasach a’ fuireach san RA a’ dèanamh 48 uimhir an CO2 ’s a tha an neach cuibheasach a’ fuireach ann am Bangladeis.

'Tha atharrachadh aimsire na chunnart mòr, is na chunnart a tha a’ sìor thighinn am bàrr, do shlàinte a’ phobaill, is tha e ag atharrachadh na dòighean sam feum sinn coimhead air a bhith a’ dìon shluaghan sho-leòinte… Tha caochlaidhean is atharrachaidhean aimsire ag adhbhrachadh bàs is galaran tro mhòr-thubaistean nàdarra, leithid teas anabarrach, tuiltean is tart.
A bharrachd, tha buaidh aig atharrachaidhean ann an teòthachd is ìrean uisge air tòrr ghalaran cudromach … galaran leithid malairia is dengue; a bharrachd air nithean marbhtach eile leithid cion-bidhe agus a’ bhuineach. Tha atharrachadh aimsire mu thràth a’ cur ri eallach ghalaran na cruinne, is thathar an dùil gum fàs an tabhartas seo san àm ri teachd.'
Buidheann Slàinte na Cruinne, Atharrachadh Aimsire agus Slàinte Daonna

 

Urram deilbh: (gu h-àrd) diongillard - (below) net_efekt

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

 

Explore our range of websites

Updated on: 05 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.