Tha barrachd uisge a’ tuiteam ann an Alba. Bho 1961 tha ìrean uisge ann am mìosan a’ gheamhraidh ann an ceann a tuath is taobh siar na h-Alba air àrdachadh le cuibheasachd de cha mhòr 60%. Eu-coltach ris an seo, tha pàirtean de cheann an Iar Thuath na h-Alba air fàs suas ri 45% nas tiorma.
Tha luchd-saidheans aimsir den bheachd gun lean geamhraidhean na h-Alba air adhart a’ fàs nas fliuiche le nas lugha de shneachda is de làithean reòithte.
San Lùnastal 2007 thug maoim-slèibhe, air sgàth uisge trom, na ceudan de thunnachan puill do Phennan, baile beag cladaich ann an Siorrachd Obar Dheathain. B’ fheudar do sheirbheisean poileis is teine daoine a chuideachadh gus faighinn air falbh bhon pholl uabhasach.
B’ fheudar 57 neach a shàbhaladh san Lùnastal 2004 nuair a thàinig mìltean de thunnaichean sgudail is puill a-nuas air rathad an A85 faisg air Ceann Loch Èireann, le maoimean-slèibhe mòra. B’ fheudar do na seirbheisean èiginn, Feachd Rìoghail an Adhair agus a’ Chabhlach Rìoghail luchd-motoir glacte a thogail tron adhar gu sàbhailteachd. San Lùnastal 2004 chunnaic pàirtean de dh’Alba trì uimhir nan ìrean uisge cuibheasach ris an robh dùil.
As t-samhradh 2007 thuit uisge trom air Sasainn agus chaidh na tuiltean a bu mhiosa airson 60 bliadhna fhaicinn. Ann an cuid de dh’àiteachan thuit cuibheasachd còrr is mìos ann an dìreach 24 uair a thìde. Chaidh na mìltean mòra de thaighean fhàgail gun chumhachd is cha robh uisge òil aig na ceudan mìltean dhaoine. Chaidh botail is tancairean uisge a thoirt a-steach gus uisge òil sàbhailte a thoirt do dhaoine a bha a’ fulang bho na tuiltean. Bha Comann Luchd-àrachais Bhreatainn an dùil gun adhbhraicheadh na tuiltean còrr is £2 billean de mhilleadh.
Thachair am Prìomh Mhinistear Gordon Brown ri daoine a dh’fhuiling sna tuiltean, mhol e na seirbheisean èiginn agus thuirt e:
'Coltach ris gach dùthaich gnìomhachail adhartach, tha sinn a’ fàs nas eòlaiche air na ceistean a tha mu thimcheall atharrachadh aimsire.'
Am Prìomh Mhinistear Gordon Brown
Tha luchd-rannsachaidh aimsir air fianais a thaisbeanadh gu bheil sgaoilidhean ghasaichean millteach am measg nan nithean a tha ag adhbhrachadh barrachd uisge. Tha ìrean uisge às an adhar air meudachadh 62 mm gach ceud bliadhna eadar 1925 is 1999 san roinn eadar 40 is 70° a Tuath. Tha an roinn seo a’ gabhail a-steach ceann a tuath na h-Eòrpa, Canada agus an Ruis. Thathar an dùil gu bheil gnìomhan mhic an duine cunntachail airson eadar 50 is 80% den àrdachadh seo.
'Dh’fhaodadh tuiltean mòra nach robh a’ tachairt roimhe ach, can, gach 100 bliadhna gu cuibheasach, tòiseachadh a’ tachairt gach 10 no gach 20 bliadhna. Dh’fhaodadh ràithe nan tuiltean fàs nas fhaide is bidh tuiltean ann an àiteachan far nach robh e riamh roimhe.'
Aonad Leasachadh Seasmhach Buidheann na h-Àrainneachd
Tha barrachd dhaoine a’ faicinn is a’ cur eòlas air buaidhean thuiltean. Tha mapa Siostam Fiosrachaidh Cruinn-eòlasach (GIS) aig Comann Luchd-àrachais Bhreatainn a tha a’ sealltainn sgìrean taigheadais air feadh na RA a tha ann an cunnart bho thuiltean.
Tha barrachd thaighean fo bhuaidh barrachd thuiltean. Feumaidh barrachd theaghlaichean dèiligeadh ri bhith a’ call an cuid stòrais is a bhith beò gun dealan is gun uisge ri òl. Tha barrachd is barrachd thaighean gan togail air talamh còmhnard, a’ ciallachadh gum bi barrachd is barrachd thaighean ann an cunnart bho thuiltean san àm ri teachd. Tha Buidheann na h-Àrainneachd a’ tuairmse gu bheil 5 millean neach a’ fuireach ann an sgìrean a tha ann an cunnart bho thuiltean sa Chuimrigh is an Sasainn.

Ged nach urrainnear tachartasan sònraichte de dh’uisge fìor throm a cheangal ri blàthachadh na cruinne, tha luchd-rannsachaidh air sealltainn gu bheil atharrachadh aimsire air an tuaiream uisge a tha a’ tuiteam ann an ceann a tuath na h-Eòrpa àrdachadh is tha iad an dùil gun adhbhraich blàthachadh barrachd làithean de dh’uisge trom san àm ri teachd.
Ro 2080 cha bhi buaidh, gu cuibheasach, air tachartasan uisge ann an ceann an iar-thuath na h-Alba, bidh e 25-75% nas truime ann an taobh sear na h-Alba, suas ri 100% nas truime ann an taobh siar na h-Alba agus còrr is 150% nas truime ann am pàirtean de cheann an iar-dheas na h-Alba.
Eu-coltach ri teòthachd is ìrean-uisge cuibheasach, bidh atharrachaidhean ann an truimead uisge nas follaisiche ann an Alba is ann an Sasainn, le tuiltean mòra nas buailtiche ann an aibhnichean na h-Alba.
Fòram na h-Alba is Èirinn a Tuath airson Rannsachadh Àrainneachdail (SNIFFER)
Urram deilbh: (gu h-àrd) M. Oxbrow
Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-NonCommercial 2.0.
Urram deilbh: (gu h-ìseal) SEPA
Ri fhaotainn an-asgaidh airson a chleachdadh ann an sgoiltean na h-Alba