Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Eigh-shruthan a’ dol às an t-sealladh

A photo of the tip of a blue glacier rising out of a pool of water

Tha eigh-shruthan a tha a’ dol às an t-sealladh air feadh an t-saoghail a’ toirt ìomhaighean làidir dhuinn air mar a tha teòthachd ag àrdachadh air feadh na cruinne.

Tha eigh-shruthan air an leasachadh ann an sgìrean far a bheil tòrr sneachda a’ tuiteam is far a bheil teòthachd ìseal a’ ciallachadh gu bheil an sneachda a’ cruinneachadh nas luaithe na tha e a’ leaghadh. Tha an sneachda ag atharrachadh gu deigh is a’ gluasad gu slaodadh sìos bheanntan. Chaidh Alba a chumadh le eigh-shruthan anns an Linn Deighe mu dheireadh, a thàinig gu crìch o chionn mu 10,000 bliadhna. Bha na eigh-shruthan a’ gearradh ghleanntan domhain, a’ cumadh choireachan is a’ fàgail tòrr sgudail nuair a leaghadh iad. Tha Glaschu is Dùn Èideann air an cumadh le cruthan-talmhann deighe.

Tha an t-astar aig a bheil eigh-shruthan a’ dol air ais air àrdachadh gu grad sna deicheadan mu dheireadh is tha seo a’ tighinn a rèir nam pàtrain aithnichte ann an teòthachd chruinneil is ionadail. Tha na h-atharrachaidhean seo air tachairt air na mòr-thìrean uile.

Tha cuid de luchd-saidheans den bheachd gum bi leaghadh deighe bho eigh-shruthan na phrìomh adhbhar airson àrdachadh ìrean-mara sa 21mh linn. Tha iad a’ tuairmse gun toir leaghadh eigheanachan-siubhail is cheapan-deighe air feadh an t-saoghail air ìrean-màra na cruinne àrdachadh eadar mu 100 is 240 mm ro 2100.

Ann an cuid de dh’àiteachan tha eigh-shruthan a’ fàs nas motha, mar eisimpleir ann am pàirtean de Nirribhidh. Seach gu bheil adhartachadh no bacadh eigh-shruthan air a riaghladh leis a’ chothromachadh eadar na tha a’ tuiteam de shneachda is na tha a’ leaghadh, sna h-àiteachan seo tha barrachd sneachda a’ tuiteam, aig ìre nas luaithe na tha e a’ leaghadh, air sgàth atharrachadh aimsire.

Tha leaghadh eigh-shruthan is raointean-deighe sna Himalayas gu h-àraidh na adhbhar dragh. Tha an deigh seo a’ leaghadh gach ràithe is a’ beathachadh aibhnichean mòra sna Innseachan, ceann an Ear Dheas Àisia agus Sìona, a’ gabhail a-steach an Ganges, an Yangtze agus am Mekong. Tha na h-aibhnichean seo a’ toirt leth an uisge òil do 2.6 billean neach, 40% de shluagh an t-saoghail.

McCarty Glacier photographs showing melting over 20th century

 

Urram deilbh: (gu h-àrd) Paul Keller - (gu h-ìseal)Global Warming Art

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 05 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.