Climate Change Secondary

DVDan is filmichean

Age of Stupid

'S e film mu dheidhinn atharrachadh aimsire a tha ann an Age of Stupid.  Tha e a' gabhail àite san àm ri teachd.  Tha am film a' mairtinn 90 mionaid.

The 11th Hour

Prògram aithriseach, air a riochdachadh is air aithris le Leonardo DiCaprio, a tha a’ coimhead air na sgriosan àrainneachdail a tha gnìomhan dhaoine ag adhbhrachadh, is a’ tabhann dòchas is fuasglaidhean.

An Inconvenient Truth

Am film aithriseach aig Al Gore, a bha na Iar-cheannard air na Stàitean Aonaichte. Tha am film, a choisinn duais Oscar, a’ soilleireachadh cunnart blàthachadh na cruinne agus am feum gus rudeigin a dhèanamh gu luath.

BBC Planet Earth

Sreath aithriseach nàdair bhon a' BhBC, le filmeadh innleachdach de dh’àrainnean nàdarra an t-saoghail. Air aithris le Sir David Attenborough.

Atharrachadh Aimsire a’ BhBC

Ceangalan gu susbaint atharrachadh aimsire thar a’ BhBC a’ gabhail a-steach portal Atharrachadh Aimsire a’ BhBC agus sreath de ochd filmichean goirid bho air feadh an t-saoghail.

An Sianal Discovery – Blàthachadh na Cruinne

Meanbh-làrach Blàthachadh na Cruinne a’ gabhail a-steach criomagan bhidio bhon t-Sianal Discovery, iùl mu Bhàthachadh na Cruinne agus taisbeanadh sleamhnaig de dh’ìomhaighean.

Flood

Film mu mhòr-sgrios sa bheil stoirm uabhasach a’ gabhail greim air Lunnainn agus bòc-thonn mòr uisge a’ sguabadh Banca-dìona an Thames roimhe.

The Day After Tomorrow

Film fèillmhor sa bheil blàthachadh na cruinne gu grad ag adhbharachadh linn deighe ùr, Los Angeles air a sgrios le gaoithtean mòra agus tonn mara mòr a’ sguabadh seachad air Baile New York.
The 11th Hour and The Inconvenient Truth movie posters

Explore our range of websites

Updated on: 23 June 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.