Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Mìosachan Nàdair

Gealagan-làir

Tha nithean beò a’ co-òrdanachadh an gnìomhan a rèir nan ràithean. Bidh eòin a’ neadachadh nuair a bhios an t-sìde blàth agus nuair a bhios biadh ann don àl aca. Feumaidh dìthein a bhith deiseil nuair a bhios seillein ann a phoileanaicheas iad. Is e aon toradh de dh’atharrachadh aimsire, gun atharraich na pàtrain sin agus, ann an cuid de shuidheachaidhean, thèid am briseadh.

Chan eil na h-atharrachaidhean seo ann an amannan – phenology – na fhianais gu bheil atharrachadh aimsire air adhbharachadh le gasaichean millteach, ach is e aon de na dòighean as fhasa airson faicinn dhut fhèin gu bheil aimsir na h-Alba a’ blàthachadh.

'A-mach à còrr is 500 tachartas bith-eòlasach earraich is samhraidh, leithid eòin fhiadhaich a’ breith uighean, aphids no dealain-dè a’ tighinn am bàrr, agus dìthein a’ tighinn air planntraisean, tha fianais ann gu bheil 74% dhiubh nas tràithe.'
Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH)

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba air fiosrachadh a thoirt còmhla bho raon farsaing thobraichean gus sealltainn mar a tha bith-iomadachd na h-Alba ag atharrachadh, a’ taisbeanadh tòrr mòr fiosrachaidh air dìthein, eòin is biastagan agus na dòighean sa bheil iad a’ freagairt air atharrachadh san aimsir.

  • Tha blàth a’ tighinn air dìthein nas tràithe: is e an t-atharrachadh cuibheasach 3.2 latha nas tràithe gach deich bliadhna thairis air a’ 100 bliadhna mu dheireadh.
  • Tha eòin eilthireach a’ tighinn nas tràithe: is e an t-atharrachadh cuibheasach 2.6 latha nas tràithe gach deich bliadhna thairis air a’ 100 bliadhna mu dheireadh.
  • Tha dealain-dè a’ fàs gu ìre inbheach nas tràithe: is e an t-atharrachadh cuibheasach 2.7 latha nas tràithe gach deich bliadhna thairis air a’ 100 bliadhna mu dheireadh.
  • Tha blàthan planctain sa Chuan a Tuath a-nis a’ tighinn am follais trì latha nas tràithe gach deich bliadhna thairis air a’ 100 bliadhna mu dheireadh.

Chaidh an dealan-dè comma fhaicinn bho chionn ghoirid ann an gàraidhean cho fada a tuath ri Taobh Tatha.

Comma butterfly at Tentsmuir

Dh’fhaodadh e bhith nach dèanadh na h-atharrachaidhean sin mòran croin air fiadh-bheatha, gu h-àraidh nan atharraicheadh a h-uile càil aig an aon astar, ach tha buaidh eadar-dhealaichte aig atharrachadh san aimsir air diofar ghnèithean. Tha sinn a’ faicinn gu bheil fianais ann gu bheil duilgheadasan ag èirigh nuair a tha diofar ghnèithean ag atharrachadh aig diofar astar; tha biastagan a’ tighinn dhan fhollais mus bi na planntraisean bhom bi iad a’ faighinn an cuid bidhe, tha na h-eòin a bhios a’ falbh bho dhùthaich gu dùthaich a’ tighinn mus bi biadh ann dhaibh.

'Tha na toraidhean seo a’ sealltainn gu bheil gnèithean a’ freagairt aig diofar astaran ri buaidhean theòthachdan ag èirigh air tìr, san èadhar, ann am fìor-uisge agus sa mhuir, agus dh’fhaodadh seo ciallachadh aig a’ cheann thall gum fàs amannan nan tachartasan nàdarra cho mì-chothromach is gum bi buaidh aig an seo air lìn-bìdhe agus gum bi farpais ann eadar ghnèithean. Is e an dùbhlan a-nis planaichean glèidhteachais a leasachadh a chuidicheas gnèithean so-leòinte gus mion-atharrachadh airson freagairt air na h-atharrachaidhean leantainneach an seo ann an Alba, a bharrachd air a bhith a’ toirt taic do dh’iomairtean eadar-nàiseanta leantainneach gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh.'
An t-Àrd-ollamh Colin Galbraith, Stiùiriche nan Seirbheisean Saidheansail agus Comhairleachaidh, Dualchas Nàdair na h-Alba.

 

Urram deilbh: (gu h-àrd) M. Oxbrow

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-NonCommercial 2.0.

Urram deilbh: (gu h-ìseal) Tracey Dixon

Dlighe-sgrìobhaidh Tracey Dixon. Tha còraichean ath-chleachdaidh air an ceadachadh airson foghlam ann an Alba.

Explore our range of websites

Updated on: 03 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.