
Chan eil mòran luchd-saidheans is luchd-beachdachaidh ann nach eil ag aontachadh leis an fhianais shaidheansail gu bheil gnìomhan a’ chinne-daonna ag atharrachadh aimsir na Talmhann.
Tha e cudromach coimhead air gach beachd, deasbad fiosraichte a chumail agus sgrùdadh a dhèanamh air na h-argamaidean a tha luchd-teagaimh na h-aimsire a’ toirt seachad.
Tha co-aontachd ris nach robh dùil, a thaobh atharrachadh aimisre, am measg na coimhearsnachd saidheansail. Tha am measadh mu dheireadh den Phannal Eadar-riaghaltais air Atharrachadh Aimsire (IPCC) a’ gabhail a-steach obair còrr is 2,500 neach-saidheans, bho 130 dùthaich, le còrr is 800 neach-breithneachaidh.
'Tha ìrean de charbon dà-ogsaid, meatan agus ogsaid niotrach san àile air èirigh gu mòr mar thoradh air gnìomhan a’ chinne-daonna bho 1750, agus a-nis gu mòr a’ dol fada thairis air luachan ro-ghnìomhachais a chaidh a dhaingneachadh bho bhun na deighe a’ dol air ais mìltean bliadhnaichean...tha a’ mhòr-chuid den àrdachadh a thathar a’ faicinn san teòthachd chuibheasach chruinneil bho mheadhan na 20mh linn buailteach a bhith air sgàth an àrdachaidh a thathar a’ faicinn ann an ìrean gas millteach air sgàth a’ chinne-daonna.'
Pannal Eadar-riaghaltais air Atharrachadh Aimsire (IPCC), 2007
Tha cuid de luchd-saidheans air bruidhinn a-mach an aghaidh an fhianais shaidheansail airson blàthachadh na cruinne air sgàth a’ chinne-daonna. Tha luchd-teagaimh atharrachadh aimsire a’ leantainn air adhart a’ togail dùbhlan gu poblach an aghaidh atharrachadh aimsire, ag ràdh nach e gnìomhan mhic an duine as coireach.
Ann an 2007, chraobh-sgaoil Sianal 4 ‘The Great Global Warming Swindle’, prògram telebhisean àrd-inbhe a chuir grunn bheachdan air adhart, a’ gabhail a-steach: gu bheil gnìomhan na grèine a’ maidseadh pàtrain atharrachaidh ann an teòthachd thairis air na 100 bliadhna mu dheireadh, gu bheil bholcànothan a’ cur a-mach barrachd CO2 ann am bliadhna na tha gnìomhan mhic an duine, agus gu bheil gathan cosmaic agus teas bhon ghrèin a’ toirt barrachd buaidh air blàthachadh na cruinne na sgaoilidhean gas millteach.
'Chan eil an Great Global Warming Swindle a’ riochdachadh staid làithreach eòlas shaidheansail...Chaidh tòrr de na beachdan a chaidh a thaisbeanadh sa Great Global Warming Swindle a bhreithneachadh is a dhiùltadh le pròiseas saidheansail. Tha am prògram aithriseach seo fada bho bhith na sgrùdadh cothromach, breithneachail de shaidheans aimsireil. An àite seo tha an Great Global Warming Swindle a’ dèanamh oidhirp mhòr gus dàta a tha aosta, mearachdach no mì-shoilleir a thaisbeanadh ann an dòigh a dh’atharraicheas tuigse fìor air saidheans atharrachadh aimsire, agus gus taic a thoirt do bheachdan fìor chonnspaideach.'
Fiosrachadh bho Chomann Eòlas-aimsire is Eòlas-mara Astràilia.
Tha Oifis na h-Aimsire, Sgrùdadh Antartaig Bhreatainn, iris New Scientist, agus an Comann Rìoghail am measg nam buidhnean a th’ air stiùireadh agus brathan sgrìobhte fhoillseachadh a’ dol an aghaidh nan uirsgeul cumanta mu thimcheall air atharrachadh san aimsir, ’s iad a’ cur an taobh aca fhèin air adhart mu choinneamh argamaidean an fheadhainn nach eil idir a’ creidsinn ann.
Tha Oifis na h-Aimsire air ‘Climate Change myths toolkit’ a dhealbh far a bheil an t-Àrd-Ollamh Iain Mac a’ Mhìcheil OBE, FRS, Àrd Neach-Saidheans aig Oifis na h-Aimsire, a’ dol tro chuid de na h-uirsgeulan cumanta a tha a’ nochdadh mu choinneamh atharrachadh na sìde.
'Tha Oifis na h-Aimsire ag aithneachadh gur e cuspair doirbh a tha ann an atharrachadh aimsire. Tha raointean ann far a bheil mì-chinnt is connspaid shaidheansail dha-rìreabh ann. Tha grunn chion tuigse is fionnsgeulan ann a tha air an ath-chuartachadh, gu tric le luchd-saidheans nach eil an sàs san aimsir, agus iad air an taisbeanadh mar fìrinn.'
Oifis na h-Aimsire, ‘Climate Change myths’
Sgrùdadh Antartaig Bhreatainn
Chaidh iad seo gu tùr an aghaidh na chaidh aithris anns a’ phrògram telebhisein air Sianal 4, ‘The Great Global Warming Swindle’, ann am fios-naidheachd agus ann an Aithris BAS.
Iris an New Scientist
Dh’fhoillsich iad aithris shònraichte, ‘Climate change: A guide for the perplexed’,
anns an robh 26 de na h-uirsgeulan as cumanta a th’ ann mu choinneamh atharrachadh san aimsir, nam measg:
Tha na tha mac an duine a’ leigeil de CO2 dhan àile cho beag ’s nach dèan e cron sam bith.
Chan urrainn earbsa a bhith againn ann am modalan a nì coimpiutairean mu atharrachaidhean san aimsir
Tha e air a bhith fada nas blàithe sna bliadhnaichean a dh’fhalbh, dè a tha cho cudromach mu dheidhinn?
Tha e fada ro fhuar far a bheil mise a’ fuireach – bhiodh blàthachadh glè mhath
’S e a’ ghrian a tha ri coireachadh airson blàthachadh na cruinne, chan e mac an duine
Tha gach uirsgeul agus gach rud meallta air a chur ceart gu domhainn tro cheanglaichean làrach-lìn a bheir sibh gu prìomh rannsachadh agus gu prìomh aithisgean far an urrainn dhuibh am bun-fhiosrachaidh a leughadh.
An Comann Rìoghail
Tha iad air ‘A guide to facts and fictions about climate change’ agus ‘Climate change controversies: a simple guide’ fhoillseachadh gus dèiligeadh ri cuid de na h-argamaidean mealltach a’ tha togail ceann bho àm gu àm sna meadhanan bho dhaoine a tha amharasach mu atharrachadh san aimsir.
'Tha e air fàs fasanta ann am pàirtean de mheadhanan na RA coimhead ris an fhianais shaidheansail a chaidh a chruinneachadh mu atharrachadh aimsire agus na buaidhean a tha aig sgaoilidhean gas millteach bho ghnìomhan a’ chinne-daonna, mar rud a tha a’ cur ris an fhìrinn. Tha cuid de dh’irisean air a ràdh nach eil luchd-saidheans a’ gabhail ri mì-chinnt san tuigse againn mun aimsir agus na nithean a tha a’ toirt buaidh air. Tha cuid air ceist a thogail an aghaidh adhbharan an luchd-saidheans a tha air na measaidhean as ùghdarraiche a thaisbeanadh a thaobh saidheans atharrachadh aimsire, ag ràdh gu bheil math aca fhèin à bhith a’ dèanamh na buaidhean a dh’fhaodadh a bhith aig atharrachadh aimsire nas miosa na tha iad.Tha an sgrìobhainn seo a’ cur a’ phrosbaig air a dhà-dheug de na h-argamaidean mealltach a tha daoine a tha an aghaidh ghnìomhan èiginneach mu choinneamh atharrachadh san aimsir a’ cur air adhart agus tha e cuideachd a’ sealltainn na fianaisean shaidhseansail a mhìnicheas na h-uireasbhaidhean anns na tha iad ag ràdh.'
An Comann Rìoghail, ‘A guide to facts and fictions about climate change’
Urram deilbh: Courtesy of SOHO/EIT consortium. SOHO is a project of international cooperation between ESA and NASA
Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-NonCommercial 2.0.