Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Protocal Kyoto

Electric lighting across part of the Earth at night

Is e Protocal Kyoto prìomh aonta eadar-nàiseanta an t-saoghail air atharrachadh aimsire agus ’s e inneal cudromach a tha ann a bhios riaghaltasan a’ cleachdadh gus aghaidh a chur ri atharrachadh aimsire.

Ged a chaidh an cunnradh aontachadh is a thabhann do dhùthchannan gus an ainmeannan a chur ris an toiseach ann an 1997, cha deach lagh a dhèanamh dheth gu 16 Gearran 2005. Bhon t-Sultain 2007, bha 174 dùthaich air an ainmeannan a chur ris a’ Phrotocal gu h-iomlan. Tha dùthchannan a tha air an ainmeannan a chur ris gu h-iomlan air dealas a thoirt seachad gun lùghdaich iad na sgaoilidhean carboin dà-ogsaid aca is sgaoilidhean de chòig seòrsachan gas millteach eile.

B’ e Astràilia an dùthaich mu dheireadh a dhaingnich às dèidh atharrachadh ann an ceannardas ri linn taghaidhean 2007. Tha seo a’ ciallachadh gur e na Stàitean Aonaichte a-nis an aon dùthaich den fheadhainn a chuir an ainmeannan ris an toiseach, nach eil air Protocal Kyoto a dhaingneachadh gu h-iomlan. An-dràsta, is e na Stàitean Aonaichte a tha a’ cur a-mach na h-ìrean as motha de ghasaichean millteach seach dùthaich sam bith eile air an t-saoghal.

B’ e na saoraidhean a chaidh a thoirt do Shìona, na h-Innseachan agus na dùthchannan a tha fhathast a’ leasachadh, am prìomh adhbhar a thug na Stàitean Aonaichte (is Astràilia roimhe) airson a bhith a’ fuireach a-mach à Protocal Kyoto. Bha na Stàitean Aonaichte agus Astràilia cuideachd den bheachd gun cuireadh daingneachadh às do dh’obraichean is gum milleadh e na h-eaconamaidhean aca.

A’ cur stad air atharrachadh aimsire cunnartach

Is e prìomh amas a’ Chunnraidh, gasaichean millteach a chumail aig ìre a stadas atharrachaidhean cunnartach do shiostam aimsire na planaid. A’ cleachdadh ìrean sgaoilidh 1990 mar thoiseach tòiseachaidh, tha e a’ cur feum air gearradh, no bàrr-ìre, cuibheasach 5% ann an sgaoilidhean gas millteach air feadh an t-saoghail ro 2008-12, ged a tha an targaidean fhèin aig gach dùthaich. Airson dùthchannan san Aonadh Eòrpach, b’ e 8% gu h-iomlan a bha san targaid seo.

Dh’aithnich Protocal Kyoto gun robh trioblaid cumanta againn ach nach robh na dùthchannan uile air an trioblaid adhbhrachadh san aon dòigh. Tha cuid de dhùthchannan, Sìona is na h-Innseachan nam measg, air an saoradh bho na targaidean seo seach nach robh iad a’ cur gu mòr ris an trioblaid seo aig àm a’ mhòr-ghnìomhachais, a thathar an dùil a dh’adhbhraich atharrachadh aimsire.

Tha an Cunnradh a’ toirt stiùireadh air na diofar dhòighean is urrainn do dhùthchannan na targaidean aca a choileanadh seach a bhith a’ lùghdachadh na thathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile. Mar eisimpleir, faodaidh iad dìoladh an aghaidh na thathas a’ leigeil dhan àile le bhith a’ cur ri na ‘sioncaichean’ aca. ’S e a tha seo ach àiteachan leithid coilltean agus boglaichean a tha a’ toirt carbon dà-ogsaid às an iarmailt le bhith ga ghlasadh agus ga stòradh mar charbon. No, air an làimh eile, dh’fhaodadh iad pàigheadh airson pròiseactan thall-thairis a ghearradh na bha iadsan a’ cur ma sgaoil de ghasaichean millteach.

Tha Kyoto cuideachd a’ ceadachadh a bhith a’ ceannach agus a’ reic chreideasan carboin taobh a-staigh dhùthchannan agus gu h-eadar-nàiseanta tro shiostaman nàiseanta agus eadar-nàiseanta. ’S e malairt carboin a thathas a’ toirt air an seo agus tha raoin mhalairt charbon gu math mòr ann a-nis mar thoradh air an seo. Tha cuid de dhaoine air a dhol an aghaidh a’ chleachdaidh seo ’s iad ag ràdh gu bheil dùthchannan beairteach a’ faighinn às le bhith a’ dol an sàs anns na sgeamaichean seo gus nach bi aca ris na gasaichean millteach aca fhèin a lùghdachadh.

Tha siostam fa leth aig an Aonadh Eòrpach leis an ainm Sgeama Malairt Gasaichean Millteach an Aonaidh Eòrpaich (ETS). ’S e ETS an Aonaidh Eòrpaich an sgeama malairt as motha anns an t-saoghal a thaobh a bhith a’ leigeil ghasaichean dhan àile. Tha Ire 1 a’ ruith bho 2005 airson trì bliadhna agus seasaidh gach ìre a leanas còig bliadhna. Bidh an dàrna ìre den sgeama a’ ruith airson nan còig bliadhna 2008-12 ris a bheil Kyoto a’ buntainn.

Anns an Rìoghachd Aonaichte, tha an Riaghaltas gu tur a’ gabhail ris na targaidean a chaidh a chuir romhpa mu choinneamh gearradh de12.5% air na gasaichean a thathas a’ leigeil dhan àile agus tha i air a’ Phrotocal a shoidhnigeadh. Ann an 2007 chaidh dreach Bile Atharrachadh Aimsire na Rìoghachd Aonaichte fhoillseachadh, a tha ag amas air gearradh 60% a thoirt air na tha de ghasaichean gan leigeil dhan àile anns an Rìoghachd Aonaichte ro 2050. Ach, tha iomadach buidheann àrainneachd den bheachd nach eil seo gu leòr – gu bheil gearraidhean de 80-100% riatanach ma thathas a’ dol a chur stad air a’ chunnart mhòr a tha an lùib atharrachadh na h-aimsire agus gum feum na thathas a’ leigeil dhan àile tro phlèanaichean agus luingeis a bhith air a ghabhail a-steach sna targaidean.

Ann an 2007 thòisich Riaghaltas na h-Alba air còmhraidhean mu choinneamh Bile Atharrachadh Aimsire na h-Alba, ’s iad ag amas air gearradh 80% a thoirt air na bha de ghasaichean air an leigeil dhan àile ro 2050. Chaidh co-chomhairleachadh a chuir air bhog gu h-oifigeil anns an Fhaoilleach 2008. A thuilleadh air an targaid gus lùghdachadh 80% a thoirt air na thathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile, bha molaidhean eile gus aithris a dhèanamh gach bliadhna air an adhartas a dheigheadh a dhèanamh agus gus sealltainn dè na gnìomhan a bhiodh a dhìth airson an targaid a choileanadh.

A bheil Protocal Kyoto air stad a chuir air a’ chunnart a tha an lùib atharrachadh na sìde?

Thig a’ chiad ìre de Kyoto gu crìch ann an 2012. Tha pàirtean dheth air a bhith soirbheachail agus rudan eile nach do dh’obraich cho math ach ’s e ceum air leth cudromach a bh’ ann gus aithneachadh agus gus dèiligeadh ri atharrachadh na h-aimsire. Chuir e atharrachadh san aimsir air clàr-gnothaich riaghaltasan an t-saoghail.

Ach, tha a’ mhòr-chuid de luchd-saidheans den bheachd nach deach gu leòr a dhèanamh gus a’ chunnart a th’ ann an atharrachadh na h-aimsire a sheachnadh agus nach eil na targaidean a th’ ann an-dràsta teann gu leòr. Bidh na co-dhùnaidhean a nì riaghaltasan, roinn a’ ghnìomhachais, dachaighean agus daoine fa leth mu choinneamh na thathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile thairis air na bliadhnaichean ri teachd èiginneach.

Dè an ath cheum?

Anns an Dùbhlachd 2007 thàinig riochdairean bho 180 dùthaich còmhla ann am Bali, Indonesia agus dh’aontaich iad ‘Mapa-rathaid Bhali’. Bha seo mar thoiseach phròiseas de bharganachadh a chaidh a dhèanamh gus targaidean ùra mu choinneamh na bhathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile a stèidheachadh a dheigheadh an àite Phrotocal Kyoto. ‘S e an t-amas a bh’ aca co-chòrdadh ris am feumaiste cumail a bhith aca ann an àite ron àrd-choinneamh ann an 2009 ann an Copenhagen, san Danmhairc. Dh’aontaich na Stàitean Aonaichte ris na molaidhean a bh’ ann am ‘Mapa-rathaid Bhali’ ach thuirt iad gum feumar dèanamh cinnteach gun dèanadh na dùthchannan a bha gan leasachadh an cuid fhèin gus lùghdachadh a thoirt air na tha de gasaichean millteach gan leigeil dhan àile.

Anns an Fhaoilleach 2008, dh’àrdaich an t-Aonadh Eòrpach an targaid iomlan aca airson lùghdachadh a thoirt air na tha de ghasaichean millteach gan leigeil ma sgaoil bho 8% gu 20% ro 2020, an comas ri ìrean 1990, agus gur ann bho dhòighean ath-nuadhachail a thigeadh an còigeamh cuid de chumhachd an Aonaidh Eòrpaich ron àm sin. ’S ann ann an 2009 a thig na h-amasan ùra sin a-steach.

 

Urram deilbh:Data bho Marc Imhoff à NASA GSFC agus Christopher Elvidge à NOAA NGDC. Dealbh le Craig Mayhew agus Robert Simmon, NASA GSFC.

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-NonCommercial 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.