
Is e buidheann eadar-nàiseanta a tha sa Phannal Eadar-riaghaltais air Atharrachadh Aimsire (IPCC), air a chur air bhonn le Buidheann Eòlas-aimsire an t-Saoghail (WMO) agus Prògram Àrainneachdail nan Dùthchannan Aonaichte (UNEP) ann an 1998 gus fòram a thoirt seachad airson measadh fosgailte is cothromach mu atharrachadh aimsire a tha air adhbhrachadh air sgàth a’ chinne-daonna.
Is e prìomh ghnìomh am IPCC aithisgean riaghailteach a dhèanamh mu atharrachadh aimsire, airson nan Dùthchannan Aonaichte. Chaidh a’ chiad aithisg a dhèanamh ann an 1990, an dàrna ann an 1995 agus an treas ann an 2001. Thathar a’ dèanamh a’ cheathramh aithisg a-nis, ann an 2007. Thathar ga foillseachadh ann an earrannan air làrach-lìn IPCC agus is e seo an t-àite as fheàrr airson am fiosrachadh as ùire fhaotainn.
Tha ceithir prìomh earrannan san aithisg:
Tha gach earrann ann an trì pàirtean
Am Prìomh Aithisg: glè mhionaideach, mar as trice glè theignigeach, ach cuimseach
An Geàrr-chunntas Teignigeach: fada nas giorra, ach fhathast teignigeach, an t-àite as fheàrr airson coimhead ma tha tuigse agad mu na cuspairean
An Geàrr-chunntas airson Luchd-poileasaidh: goirid, gun a bhith teignigeach sa mhòr-chuid, agus an t-àite as fheàrr airson tòiseachadh
Tha tòrr co-aontachd ann mu shaidheans is poileataigs atharrachadh aimsire. Seach gu bheil rannsachadh cudromach agus cunnart ann ma thèid mearachdan a dhèanamh tha aithisgean IPCC nan dòigh chudromach, nach fhaighear ann am pàirtean eile de shaidheans, a tha a’ toirt eòlaichean ann an diofar roinnean còmhla gus an urrainn dhaibh cur-ris an tuigse a th’ againn air atharrachadh na h-aimsire agus cuideachd gus beachd an ìre mhath aonaichte a thoirt dhuinn.
Ged a tha cuid de luchd-rannsachaidh a dheigheadh an aghaidh earrannan de dh’aithisg an IPCC, chan eil ach glè bheag de dhaoine a tha ag obair anns an roinn seo nach aontaicheadh ri co-dhùnaidhean farsaing nan aithisgean.
Dealbh: Climate Change 2007: The Physical Science Basis, Intergovernmental Panel on Climate Change
Na còirichean uile glèidhte.