Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

A bheil sinn ri ar coireachadh airson blàthachadh na cruinne?

A photo of the light traces of traffic at night on a motorway
‘Nuair a shlaodar air aon rud anns an àrainn nàdarra, thathas a’ faighinn a-mach gu bheil e ceangailte ris a’ chòrr den t-saoghal.’
Iain Muir, Eòlaiche air Nàdar na h-Alba agus sgrìobhadair, 1838-1914

Tha atharrachadh san amsir dha-rìribh a’ tachairt. Dh’èirich teòthachd mheadhanach an t-saoghail mu 0.7 ˚C thairis air an 20mh linn agus b’ e 1998 a' bhliadhna a bu bhlàithe a bh’ ann bho thòisichear a’ cumail chlàran ann an 1861. Bha 2005 an ìre mhath cheart cho blàth.

Tha fianais mu bhlàthachadh na cruinne a’ tighinn bho bhuin deighe anns a’ Ghraonlainn agus ann an Antartaiga, agus ann an atharrachaidhean a thathas a’ faicinn ann am mìosachan nàdair agus a tha mu thràth ri fhaicinn ann an Alba. Tha planntraisean an earraich a’ tighinn fo bhlàth ann an Alba nas tràithe (sa chumantas trì seachdainean nas tràithe bho 1978) agus tha iseanan a tha a’ siubhal bho dhùthaich gu dùthaich a’ tighinn nas tràithe.

Tha an fhianais gu lèir a’ sealltainn gur e mar a tha na h-ìrean de ghasaichean millteach ag èirigh ann an àile na Cruinne-cè mar thoradh air gnìomhan mhic an duine bhon tionndadh gnìomhachais prìomh adhbhar a’ bhlàthachaidh seo. Tha an ìre de charbon dà-ogsaid (CO2) anns an àile air èirigh còrr is 30% bhon tionndadh gnìomhachais agus tha iad a-nis ag èirigh nas luaithe na bha iad a-riamh. ’S e na thathas a’ leigeil de na gasaichean millteach a tha a’ stiùireadh atharrachadh san aimsir.

Tha a’ mhòr-chuid de na dùthchannan leasaichte air feadh an t-saoghail air aontachadh gum feumar dèiligeadh ri atharrachadh san t-aimsir, ’s iad air soidhnigeadh agus air Protocal Kyotoa a dhaingneachadh. ’S e aon de na prìomh dhleastanasan ann am Protocal Kyoto gum biodh targaidean do-sheachanta air na thathas a’ leigeil de ghasaichean millteach dhan àile air an cur mu choinneamh prìomh eaconomaidhean an t-saoghail. Gach bliadhna tha dùthchannan leasaichte an t-saoghail a’ cur ma sgaoil nam milleanan de thunnachan truaillidh a tha ag adhbharachadh blàthachadh na cruinne. Tha sinn a’ losgadh connaidhean fosail airson ar dachaighean a bhlàthachadh, airson cumhachd a thoirt do ar gnìomhachasan, gus plèanaichean a chur dhan adhar, gus càraichean a dhràibheadh agus gus dealain a chruthachadh.

Tha am Pannal Eadar-riaghaltasan air Atharrachadh san Aimsir (IPCC), a tha a’ riochdachadh beachd co-aontachd nam mìltean de luchd-saidheans air feadh an t-saoghail, air a ràdh nan Treas Aithisg Mheasaidh ‘gu bheil fianais ùr agus nas làidire ann gu bheil a’ mhòr-chuid de bhlàthachadh na cruinne thairis air na 50 bliadhna a chaidh seachad air adhbharachadh le gnìomhan mhic an duine.’

Ged a tha co-aontachd nach fhacas ron seo am measg luchd-saidheans na cruinne ’s iad ag ràdh gur e gnìomhan mhic an duine a tha ag adhbharachadh blàthachadh na cruinne, chan eil a h-uile neach-saidheans agus neach-aithris ag aontachadh. Tha na meadhanan gu math tric a’ comharrachadh uirsgeulan a thaobh blàthachadh na cruinne agus tha prògraman telebhisein aithriseach agus leabhraichean air togail cheistean a thaobh na buaidh a th’ aig mac an duine air an t-sìde.

 

Urram deilbh: _gee_

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.