Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Gasaichean Millteach – Alba

Stèisean cumhachd air an oidhche

Tha na h-ìrean de charbon dà-ogsaid (CO2) ann an àile na Cruinne-cè san latha an-diugh mu 30% nas àirde na bha iad bho chionn 200 bliadhna. Gach turas a chuireas sinn air solas, a chuireas sinn cumhachd dhan fòn-làimhe no a dhraibheas sinn càr tha sinn a’ cur ris na tha Alba a’ leigeil de charbon dhan àile.

Ann an 1990 chuir Alba 64.4 millean tonna de ghasaichean millteach (tha seo air a mhìneachadh mar mhilleanan de thonnaichean de charbon dà-ogsaid co-ionnan ri MtCO2e) dhan àile. Ann an 2005 (am fiosrachadh as ùire a th’ ann) bha sin air tuiteam timcheall air 16% gu 54.5 millean tonna.

’S ann bho roinn solar a’ chumachd a tha a’ chuid as motha de na gasaichean millteach a th’ air an leigeil ma sgaoil. ’S iad na trì stèiseanan cumhachd – Longannet ann an Ceann Chàrdainn, Cockenzie ann an Lodainn an Ear agus Scottish agus Southern ann an Ceann Phàdraig – a tha a’ leigeil a' mhòr-chuid de CO2 ann an Alba ma sgaoil.

Ann an 2005, chuir roinn solar a’ chumhachd 26% ri na bha de ghasaichean millteach air a’ leigeil dhan àile ann an Alba. Tha an roinn seo a’ toirt cumhachd do luchd-cleachdaidh leithid dachaighean, sgoiltean agus roinnean gnìomhachais agus còmhdhail. Bho 1990, tha an ìre de ghasaichean a th’ air an leigeil ma sgaoil bho roinn solar a’ chumhachd air tuiteam mu 10%.

’S e roinn na còmhdhail a bha san dàrna àite a thaobh na bhathas a’ leigeil de gasaichean millteach dhan àile agus iad ag adhbharachadh 18% dheth ann an 2005. Coltach ris na tha a’ tachairt ann an dùthchannan Eòrpach eile, tha na tha Roinn a’ Chòmhdhail ann an Alba a’ leigeil ma sgaoil air èirigh 11% bho 1990.

Tha roinnean an àiteachais, gnìomhachais agus luchd-còmhnaidh uile air eadar 11% agus 14% an urra a chuir ri ìre nan gasaichean a chaidh a leigeil ma sgaoil.

Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ leigeil gasaichean millteach dhan àile, thoiribh sùil air UK Air Quality Archive. Faodar an aithisg 'Greenhouse Gas Inventories for Scotland, Wales and Northern Ireland' fhaicinn ann an roinn stòr-dàta nan aithisgean.

 

Bile Aimsire na h-Alba

Air 21 an t-Ògmhios 2007 thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a’ dol a thòiseachadh air còmhraidhean a chumail mu thimcheall Bile Aimsire na h-Alba, agus iad ag amas air gearradh 80% air na bhathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile ro 2050.

Thuirt Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus Fàs Seasmhach, gum biodh atharrachadh san aimsir aig teis-mheadhan co-dhùnaidhean eaconomach ann an Alba agus chaidh e gu tur leis na thuirt am Prìomh Mhinistear ’s e a’ foillseachadh phlanaichean airson Alba a dhèanamh na Cathair-bhaile Eòrpach airson cumhachd uaine.

Chaidh co-chomhairleachadh air molaidhean airson Bile Aimsire na h-Alba a chuir air bhog gu h-oifigeil air 29 Faoilleach 2008 le Iain Swinney. A thuilleadh air a bhith ag amas air lùghdachadh 80% a thoirt air na bha de ghasaichean gan leigeil ma sgaoil, bhathar cuideachd a’ moladh gun deigheadh aithris gach bliadhna air an adhartas a dheigheadh a dhèanamh agus gum biodh frèam air a chruthachadh airson buidseadan carboin – a shealladh na diofar ghnìomhan a bhiodh a dhith airson an targaid a ruighinn.

Tha an dàta as ùire a’ sealltainn gun do thuit na bhathas a’ leigeil de ghasaichean dhan àile 16% eadar 1990 agus 2005; aig an aon àm ’s a dh’fhas an eaconomaidh 36%. Tha buannachdan soilleir ann do dh’Alba ann a bhith a’ dèanamh gnothaich ri atharrachadh san aimsir: obraichean ùra, sàbhalaidhean air cosgaisean, àrainnean ionadail nas fheàrr agus fàs san eaconomaidh.

A photo of white fumes issuing from a car exhaust

 

Urram deilbh: (gu h-àrd) Gary MacEanraig

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Creative Commons Attribution-Noncommercial-No Derivative Works 2.0.

 

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.