
Tha cuid dhen fhianais as fheàrr a dhearbhas an ceangal eadar carbon dà-ogsaid, gnìomhan mhic an duine agus teòthachd air tighinn bho eigh-shruthan. Tha tuill air an dèanamh anns na buin deighe agus tha seo air a stòradh gu faiceallach aig teòthachd a tha gu math nas ìsle na 0 ˚C. Tha sgiobaidhean de luchd-rannsachaidh air fiosrachadh cinnteach agus seasmhach fhaighinn bho làraich anns a’ Ghraonlainn agus ann am meadhan Antartaiga. Leis mar a tha ùidh agus dragh a’ fàs mu thimcheall atharrachadh na sìde tha seo air ciallachadh gun urrainn do luchd-rannsachaidh deuchainnean cosgail a dhèanamh anns na h-àrainnean as eu-càirdiche anns an t-saoghal.
Nuair a tha eigh-shruth ga chruthachadh, tha builgeanan èadhar air an glacadh agus tha iad air an cumail fa leth san deigh. Tha gach builgean na shampall bheag de dh'èadhar bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh, agus ’s urrainn do luchd-saidheans tomhais dè cho aosta ’s a tha iad le bhith a’ faicinn gu dè cho domhainn ’s a tha iad anns an deigh. Anns an Leth-chruinne gu Tuath tha sampallan ann a tha a’ dol air ais mu 125,000 bliadhna. Tha clàran an Antartaig airson an 650,000 bliadhna a dh’fhalbh air a bhith air an lorg.
Tha an èadhar a tha glacte a’ sealltainn nan ìrean de charbon dà-ogsaid agus de mheatan a bh’ ann aig an àm. Faodar cothromachadh na h-iosotopan de dh’ogsaidean agus haidhdridsean airson dealbh as ùr a dhèanamh air dè an teòthachd dha-rìribh a bh’ ann. Le bhith a’ cleachdadh an fhiosrachaidh bho iomadach bun deighe agus le bhith a’ faighinn fianais bho dhòighean eile leithid cearcaill chraoibhe, faodaidh sinn a bhith gu math cinnteach gu bheil na thathas air faighinn a-mach fìor.
Tha dàta bho na buin deighe a’ sealltainn dealbh a tha gu math iomadh-fhillte, ach tha comharraidhean ann a tha gu math follaiseach.
Tha an aimsir air a bhith gu math caochlaideach thairis air na 650,000 bliadhna a chaidh seachad.
Tha an ìre de ghasaichean millteach ag atharrachadh ann an co-rèir ris an teòthachd, ach tha seo a’ tachairt ann an dòigh a tha gu math iomadh-fhillte.
Tha na thathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean aig ìre nas àirde na chaidh fhaicinn aig àm sam bith anns na 650,000 bliadhna a chaidh seachad.
Tha ìre na teòthachd aig ìre caran àrd an-dràsta.
Mura geàrr sinn na tha sinn a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach, cumaidh na h-ìrean aca ag èirigh agus leis an sin, cumaidh ìre na teòthachd ag èirigh air feadh na cruinne.
Tha tòrr fiosrachaidh againn air mar a thachair atharrachadh aimsire anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh agus faodaidh sinn ro-innse a dhèanamh air dè a dh’fhaodadh tachairt anns na bliadhnaichean ri teachd. ’S e an leasan as cudromaiche dhuinne bho chlàran nam bun deighe, gu bheil na h-ìrean de charbon dà-ogsaid anns an àile aig an ìre as àirde aig an robh iad ann an còrr is leth millean bliadhna agus gum bi buaidh mhòr aig an seo air aimsir na cruinne.
Urram deilbh: AIDG
Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Attribution-NonCommercial-ShareAlike 2.0.