Climate Change Secondary
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais
A photo of black smoke pouring from an factory chimney into the blue sky

Fo Phrotocal Kyoto tha e mar fhiachaibh air na dùthchannan tionnsgalach air fad bho air feadh an t-saoghail a chuir an ainm ris, an ìre de ghasaichean millteach a th’ air a leigeil ma sgaoil a ghearradh mu 5% eadar 2008-12.

Anns an Dàmhair 2006 dh’fhoillsich Co-chruinneachadh Frèam nan Dùthchannan Aonaichte air Atharrachadh na h-Aimsire fiosrachadh a sheall gun robh na chaidh a leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach anns na 41 dùthchannan tionnsgalach còmhla air èirigh 2.4% eadar 2000 agus 2004.

Seach gu bheileas air a bhith a’ cur a’ phrosbaig gu mòr air lùghdachach air na tha de ghasaichean air an cur ma sgaoil, carson nach eil sinn air lùghdachadh mòr fhaicinn anns na tha de ghasaichean millteach air an leigeil ma sgaoil air feadh an t-saoghail?

Na Stàitean Aonaichte

Tha na Stàitean Aonaichte anns an darna àite am measg dùthchannan an t-saoghail a thaobh na tha iad a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach. Fon Phrotocal dh’aontaich na Stàitean Aonaichte an toiseach gearradh 6% a thoirt air na bhathas a leigeil ma sgaoil ach às dèidh ùine chaidh iad air ais air na gheall iad agus iad ag ràdh gun dèanadh seo cron air eaconomaidh na dùthcha. Tha seo a’ ciallachadh nach do dhaingnich, no nach do dhearbh iad gu h-oifigeil, gun cuireadh iad smachd air na tha de ghasaichean millteach gan leigeil ma sgaoil.

Dh’èirich na bha na Stàitean Aonaichte a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach eadar 1990 agus 2005 15.4%. Gach bliadhna tha Texas a’ leigeil barrachd carbon dà-ogsaid ma sgaoil na tha an Fhraing gu lèir. 

‘Feumaidh sinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh airson lùghdachadh a thoirt air blàthachadh na cruinne mus bi e ro fhadalach. Tha an fhianais shaidheansail follaiseach. Tha an deasbad mu bhlàthachadh na cruinne seachad.’
Arnold Schwarzenegger, Riaghladair Stàit Chalifornia

Air feadh Ameireagaidh tha iomadach stàit gu neo-eisimeileach air laghan ùra a chur an sàs gus dèiligeadh ri atharrachadh na h-aimsire. Thàinig naoi stàitean còmhla gus an Iomairt Roinneil air Gasaichean Millteach a stèidheachadh gus lùghdachadh a thoirt air na tha de charbon dà-ogsaid air a leigeil ma sgaoil.

Iapan

’S e Iapan tè de na dùthchannan as cumhachdaiche ann an eaconomaidh an t-saoghail agus tè de phrìomh bhuill Kyoto.

Chuir Iapan dealas romhpa gearradh 6% a thoirt air na bhathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean ach tha àireamhan a’ sealltainn gun dh’èirich na bhathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach 11% os cionn na h-ìre a bh’ aice ann an 1990.

Sìona

Tha Sìona air a dhol seachad air na Stàitean Aonaichte a thaobh na thathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach.

Fo Kyoto, cha leig Sìona a leas na tha iad a’ leigeil ma sgaoil a ghearradh aig an ìre-sa oir nuair a chaidh an Cunnradh aontachadh chaidh a comharrachadh mar dhùthaich a bha ga leasachadh.

Ged nach eil gach duine cumanta ann an Sìona a’ cleachdadh ach mu 10-15% den chumhachd a tha neach sna Stàitean Aonaichte, tha an eaconomaidh aca air a bhith ga leasachadh gu luath agus tha na tha de ghasaichean gan leigeil ma sgaoil ag èirigh.

Tha Sìona ag aithneachadh gu bheil an trioblaid seo ann agus chaidh Kyoto a dhaingneachadh leatha ann an 2002. Tha aice fhathast ri aontachadh ri targaidean ris am feumar cumail ach tha i air planaichean ainmeachadh a’ sealltainn gu bheilear a’ dol a chruthachadh 10% den chumhachd aice tro dhòighean ath-nuadhachail ro 2010. Dh’fhoillsich Sìona plana nàiseanta air atharrachadh san aimsir san Ògmhios 2007.

Na h-Innseachan

Fo Kyoto chan fheum Na h-Innseachan smachd a chur aig an ìre-sa air na thathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean ach thathas a’ tomhas gu bheil ìre nan gasaichean sin air èirigh còrr is leth bho na 1990an. Tha fhios aig na h-Innseachan gu bheil a h-uile coltas ann gun toir atharrachadh na h-aimsire buaidh air sluagh na dùthcha. Tha tòrr aca a’ fuireach air talamh ìseal mar eisimpleir Bàgh Bhengal. Chaidh Kyoto a dhaingneachadh leotha-san ann an 2002.

An t-Aonadh Eòrpach

Dhaingnich na dùthchannan air fad san Aonadh Eòrpach Protocal Kyoto.

Dh’fhoillsich Buidheann Àrainneachd na h-Eòrpa san Ògmhios 2007 gun robh an t-Aonadh Eòrpach air gearradh 7.9% air na bhathas a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach an coimeas ris an t-suidheachadh ann an 1990.

B’ iad a’ Ghearmailt agus an Rìoghachd Aonaichte a bu mhotha a chuir ris an lùghdachadh seo. Anns an Rìoghachd Aonaichte, a-mach à basgaid nan sia gasaichean millteach a bhathas a’ leigeil ma sgaoil thuit na h-àireamhan 15.3% eadar 1990 agus 2005.

Dh’èirich na bha an Spàinn, an Ostair, a’ Ghrèig, Èirinn, an Eadailt agus Portagail a’ leigeil ma sgaoil de ghasaichean millteach. 

 

Urram deilbh: DeVos

Ri fhaotainn airson a chleachdadh fo chumhaichean Attribution-NonCommercial-ShareAlike 2.0.

Explore our range of websites

Updated on: 23 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.