Thathar san fharsaingeachd a’ faicinn gur e atharrachadh aimsire an cunnart as motha a tha ann don phlanaid againn san 21mh linn.
Tha luchd-saidheans air modailean aimsire ionnsaichte a leasachadh fhad ’s a tha iad a’ feuchainn ri ro-innse gu cinnteach mar a dh’atharraicheas aimsir na talmhainn san linn seo. Is e prìomh cheist ‘dè an ìre chun an àrdaich ìre na mara?’ Ann an Alba tha Sruth a’ Ghuilf gar blàthachadh ach dè thachras ma stadas Crios-giùlain Mòr a' Chuain?
Tha aimsir na talmhainn san àm ri teachd an crochadh air na gnìomhan againne. Le bhith a’ dèanamh rudeigin, a bhith a’ gleidheadh lùth, is a’ cleachdadh teicneòlasan uaine is urrainn dhuinn cuideachadh gus a’ bhuaidh againn air a’ phlanaid a lùghdachadh.
Mar shaoranaich na cruinne aig a bheil dleastanas, feumaidh sinn feuchainn ri roghainnean is co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh. Is e dùthaich bheag a tha ann an Alba ann an saoghal de chòrr is 6 billean neach ach tha dreuchd chudromach againn ann a bhith a’ cur aghaidh ri atharrachadh aimsire.
Dealbh-camara: Comann Taigheadais Dunedin Canmore
Tha ìomhaighean rim faotainn gu saor airson an cleachdadh ann am foghlam ann an Alba.