
'S beatha làn bhùthan a tha Shannon is a màthair eòlach air.
Ach tha saor-làithean còmhla ri a seanmhair ann an Obar Bhrothaig a' sealltainn do Shannon gu bheil e comasach spòrs a bhith agad gun airgead a chosg.

Luchdaich sìos riochd PDF do dh'Airgead Èibhinn:
Faidhle PDF: Airgead Èibhinn (465 KB)
Airgead Èibhinn air a shoidhnigeadh ann am Balbhanachd Bhreatainn (BSL).

Luchdaich sìos am fuaim ann an Gàidhlig no Beurla:

'S e dealbhadair, eachdraiche-beatha agus bàrd coileanta a tha ann an Alison Prince a bharrachd air a bhith na prìomh ùghdar de leabhraichean òigridh.
'S e gaoir-sgeul mìorbhaileach, tarraingeach, làn de mion-chunntas beairteach den àm, a tha ann an 'Oranges and Murder', a' chiad leabhar aig Alison, agus a bhuannaich Duais Chomhairle Ealain na h-Alba. Tha an dara leabhar aice, 'Three Blind Eyes', gu math innleachdach le eucoirich marbhtach.
Bhuannaich i cuideachd Duais Uirsgeul Cloinne bhon Guardian ann an 1996 leis an stòiridh aice, 'The Sherwood Hero', a tha stèidhichte ann an Glaschu an là-an-diugh mu dheidhinn fear ann an nòs Robin Hood.
Èist ri Alison a' bruidhinn mu dheidhinn a beatha agus a leabhraichean anns am faidhle fuaime seo:
Faidhle MP3: Eachdraidh-beatha agus leabhar-chlàr Alison Prince (1.21 MB)
Faidhle Word: Eachdraidh-beatha agus leabhar-chlàr Alison Prince (27 KB)