On the Money
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais
Illustration of credit cards and coins

Mun ghoireas seo

Tha ceithir stòiridhean anns an leabhar ùr seo, Leis an Airgead, a chaidh an sgrìobhadh le Teresa Breslin, Jonathan Meres, Nicola Morgan agus Alison Prince.  'S e an dòigh anns a bheil clann a' làimhseachadh airgid an cuspair a th' annta uile.

Tha àireamhachd agus litearachd air an toirt còmhla ann an dòigh ùr nach deachadh a chleachdadh riamh roimhe ann an Alba.   Tha a' phròiseict a' dol nas doimhne na ioma de na goireasan a gheibhear an-diugh airson airgeadas a theagasg.   A bharrachd air eòlas agus sgilean, tha i a' brosnachadh bheachdan agus luachan a tha a' buntainn ri giùlan cùramach agus ionnsaigheach a thaobh airgead. 

Thèid Leis an Airgead a thoirt dhan na sgoiltean air feadh Alba saor an asgaidh.

Thàinig Standard Life, Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus Urras Leabhraichean Albannach còmhla gus an leabhar seo a chur an clò.   Tha na stòiridhean airson taic a thoirt do chlann bun-sgoile ann a bhith a' fàs fiosrach mu airgead agus gum bi iad comasach air airgead a làimhseachadh mar inbhich.  Bheir seo cothrom do na sgoilearan a bhith a' cleachdadh bun-bheachdan airgeadais ann an dòigh cruthachail agus spòrsail.

Chruthaich sinn pasgan de:

  • cheithir stòiridhean, airson clann bun-sgoile an toiseach, anns a bheil cùisean co-cheangailte ri cùram airgid (leithid iomairt agus rianachd airgid,  imcheistean moralta agus mothachadh de shiostaman airgeadais).
  • Comhairle do thidsearan air ciamar a choimhideas iad air na ceistean sin anns na stòiridhean agus mar a làimhsicheas iad nithean duilich ann an clasaichan far am bi clann às ioma suidheachadh eaconomaigeach agus culturach. 
  • DVD air a bheil bhidio air a shoidhnigeadh ann am Balbhanach Bhreatainn, fuaim ann an Gàidhlig agus Beurla, agus taisbeanadh de na dealbhan airson tidsearan a tha airson na stòiridhean a leughadh a-mach anns a' chlas. 
  • Làrach-lín le riochd PDF den leabhar agus na stòiridhean, na stuthan-taice agus am fuaim ann an Gàidhlig agus Beurla. 

Explore our range of websites

Updated on: 11 February 2009 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.